Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Linda NicLeòid agus Cathy NicDhòmhnaill
Cathy: Nise innis an fhìrinn, Linda – ’eil thu measail air a bhith dol dha na bùithtean cathrannas no an ann air èiginn a dhèigheadh tu ann airson rud a cheannach?
Linda: Uill a Chathy, feumaidh mise a bhith onarach ’s a ràdh ’s ann air èiginn a thèid mi a bhùth cò-dhiù! Bùth aodaich! Tha mi dìreach, tha mi air fàs caran leisg nuair a thig e gu bhith a’ ceannach aodach – tha mi uabhasach titheach air a bhith a' ceannach air-lòidhn’ a-nist’. ’S feumaidh mise a bhith ann an sunnd a dhol timcheall na bùithtean agus tha mi a’ smaoineachach ma bhios mi ann an cabhag tha e nas miosa buileach! ’S mar sin, chuir mi mi fhèin fo dheuchainn 's chuir mi na bùithtean cathrannais fo dheuchainn tha, an t-seachdain seo - thoradh cha robh agam ach, cha robh fiù ’s leth-uair a thìd’ agam ’s mar sin, bha mi ann a shiud a’ rùilleach ’s a’ dol tron a h-uile sìon ach....
Feumaidh mi àideachadh, ’s ann a bhuail e orm, dìreach na bh’ ann de stuth – agus stuth, fhios agad, bha brands gu math ainmeil ’s gu math daor am measg na bha sna bùithtean. 'S mar sineach, tha mi creidsinn gu ìre, ged a bha mi a' coimhead air dathan – rud a bhios mi a' dèanamh co-dhiù, nuair a bhios mi shoppadh, ’s toil leamsa dathan. ’S toil leam dubh, feumaidh mi ràdh, ach ’s toil leam dathan, leithid pinc is dearg is rudan mar sineach cuideachd, rudan a tha soilleir 's a sheasas a-mach, mar gum biodh.