Main content

Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne

Gàrradh Iapanach

Derek : Is mu dheireadh an dràst’, tha obair ga dhèanamh gus gàrradh àraid Iapanach air cnoc Albannach a chàradh. Chaidh an gàrradh aig Caisteal Cowden ann an Siorrachd Chlach Mhanainn a chruthachadh anns na ficheadan, ’s thuirt eòlaiche gur e seo an gàrradh as cudromaiche air taobh siar an t-saoghail air fad. Tha Karen Elder ag aithris.

Karen: ’S e pìos beag de dh’Iapan a tha seo air cnoc Albannach. Anns na ficheadan, fhuair a’ chiad ghàirnealair boireann Iapanach, Taki Handa, coimisean bho Ella Christie gus an gàrradh a chruthachadh – ach chaidh a mhilleadh le bleigeartan anns na trì ficheadan. ’S ann an-dràsta fhèin a tha tè a tha càirdeach ri Ella Christie airson ’s gun tèid a chàradh, agus tha i air iomairt a thòiseachadh. Tha daoine air tighinn bho air feadh an t-saoghail gu saor-thoileach, nam measg, an t-Ard Ollamh Fukohara bho Oilthigh Osaka, a tha na eòlaiche air gàrraidhean Iapanach. Tha e fhèin ’s a sgioba air tadhal air a’ ghàrradh trì tursan. Chuir iad craobhan is lusan, chàraich iad an Loch, agus an taigh tì, agus chuir iad geata fàilteachaidh ùr ann. Ach, tha mu mhillean nota fhathast a dhìth air an iomairt, mus tèid aca ris a’ ghàrradh fhosgladh chun a’ phobaill son a’ chiad triop ann an leth-cheud bliadhna.