Tar-sgrìobhadh: Aithris an Fheasgair
Le Pàdraig MacAmhlaidh
Padraig: Thuirt Dàibhidh Camshron nach bi e furasta cruth atharrachadh a thoirt air an Aonadh Eòrpach mus bi referendum mu bhallrachd ann am Breatainn ann an dà mhìle ’s a seachd-deug. Bha am Prìomhaire a’ bruidhinn aig co-labhairt ann an Latbhia far an do choinnich e ri ceannardan Eòrpach eile. Thuirt ceann-suidhe a’ Choimeisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, gum bi e ann an Chequers Diluain airson còmhradh ri Mgr Camshron mun atharrachadh a tha e a’ sireadh.
Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon nach bi easbhaidh anns a’ chùram a tha euslaintich aillse a’ faighinn ri linn an atharrachaidh a tha a’ tighinn air an t-seirbheis san ospadal aillse as motha ann an Alba. Rinn còrr air leth-cheud dotair agus eòlaiche gearan nach bi an cùram cho math ’s a bha e, is an t-seirbheis ann an ionad Bheatson a’ gluasad chun an ospadail ùir air taobh a deas Ghlaschu. Tha iad a’ gearan nach bi luchd-obrach gu leòr rim faotainn ann an suidheachadh èiginneach.
Tha ceithir deug mìle sgoilear ann an Alba air an ainm a chur ri athchuinge a’ gearan gun robh an deuchainn matamataig aig àrd-ìre am-bliadhna do-dhèanta. Thuirt iad gun robh na ceistean air leth doirbh agus nach robh samhla aca ris na ceistean a fhuair iad anns na pàipearan-ullachaidh. Thuirt Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba gun tèid spèis a thoirt dha na gearanan sin fhad ’s a thathar a’ meas na sgoilearan.