Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich
Blasan annasach le Alasdair MacLeòid
Alasdair: Uill, tha fiù ’s rudan annasach tighinn às na Hearadh fhèin a Choinnich! Tha bean an taighe – an tè a tha còmhla rium, tha...
Coinneach: An i sin a tha annasach?!
Alasdair: Uill chan eil mise dol a ràdh sin, feumaidh mi bhith faiceallach dè tha mi ag ràdh! Ach, a' dol air ais bliadhnaichean mòr, chan eil fhios a’m is ciamar, ach thòisich i ag ithe isbeanan no sausages agus eil fhios agad dè bhios aice còmhla ris? Marmalade! Smaoinich air a sin! Agus tha i air a dhèanamh chun an latha seo.
Coinneach: Eil fhios agad dè bhios agamsa leotha?
Alasdair: (gaire) Marmalade?!
Coinneach: Chan e!
Alasdair: Chan eil fhios a’m dè bhios air a’ Bhac!
Coinneach: Pìos agus siorap!
Alasdair: (Gàire) O mo chreach ’s a thàinig! Tha sin buileach uabhasach! Bha dùil agams’ gu robh marmalade is sausages dona gu leòr, ach...
Coinneach: ... agus ’s caomh leam cuideachd còmhla ri sin ketchup air na sausages!
Alasdair: Ketchup air na sausages?!
Coinneach: Agus pìos, mar a chanadh sinn, le siorap air!
Alasdair: Uill, fhios agad, tha cuimhn’ a’m dol air ais bliadhnaichean mòr nuair a bha mo sheanair beò, agus nuair a ghabh e srùpag aig naoi uairean a h-uile h-oidhch’, bhiodh pìos lof aig’ le cais’, tha sin nàdarrach, ach bhiodh silidh air a mhuin, agus bha sinne smaoineachadh gu robh seo uabhasach annasach ach cha robh sa latha sin.
Coinneach: Uill, ’s e rud a tha annasach, tha mise cuideachd, bidh mi ag ithe sin. Cha bhi mi a’ gabhail ìm idir, ach bidh mi a’ cur silidh air, agus bidh mi a’ cur càis’ air a’ mhullach an uairsin ’s bidh a h-uile duine fanaid orm. Gus a latha bha seo, chaidh mi steach dhan àite bha seo agus dè chunna mi ach toastie! Cranberry and Brie! Agus thuirt mi riutha, “Nach tuirt mi ribh fad nam bliadhnaichean!”
Alasdair: Ach dè cho fad ’s a tha sinn dol sìos an t-slighe sin? Fhios agad? Tha mi a’ smaoineachach gum feum sinn stad uaireigin!