Main content

Tar-sgrìobhadh: Spòrs na Seachdain: Pàirt 2

Iain: Agus a' coimhead air an sgioba nàiseanta ann am farpais nan Sia Dùthchannan, Richie Grey a-mach, Gordon Reid a-mach, tha iad air Tim Swinson a thoirt a-staigh agus Finn Russell. Mìnich dhuinn dè thachair dha Finn Russell, tòrr deasbad mu dheidhinn seo.

Uisdean: Uill, fhuair e chairt bhuidhe an toiseach, agus an uairsin, chaidh sin àrdachadh gu cairt dhearg agus casg dà ghèam, agus tha a-nist’ Alba a' tagradh an-aghaidh sin, agus tha dòchas ann tha mi a’ smaoineachadh gun tèid sin a thilleadh. ’S e cnag na cùise gu bheil an gèam air a dhol seachad air na riaghailtean. Anns an t-seann fhasan, bha cluicheadair a’ breabadh a’ bhuill dhan iarmailt, agus ’s ann air an fhear a bha a’ dol ga ghlacadh air a bheulaibh bhon loidhne-dìon a bha an amas, agus ’s ann airsan a bha iad a’ feitheamh agus a’ coimhead dè bha tachairt. An-diugh, ’s e am fear a tha ga chur dhan iarmailt a tha a’ falbh as a dhèidh, agus a’ feuchainn ri ghlachadh. Agus chan eil na riaghailtean air atharrachadh. ’S e an riaghailt a th’ ann gu bheil an cluicheadair a th’ air an talamh gum feum e a' caoideachadh a-mach às an rathad. Chan urrainn dha a bhith às an rathad air a’ chluicheadair a tha a’ tighinn sìos, agus ma bhuaileas e ann air dhòigh sam bith, ’s e an cluicheadair air an làr a tha ciontach. Nist’, ma choimheadas tu air na thachair an t-seachdain ’s a chaidh, bha an rèitire ceart anns a h-uile dòigh a-rèir an lagh. 'S e...

Iain: Gu mì-fhortanach...

Uisdean: Gu mì-fhortanach do Finn Russell agus do dh’Alba, ach ’s e cnag na cùise gu bheil an riaghailt agus an gèam air a dhol far a chèile rè ùine.