Main content

Tar-sgrìobhadh: Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Litir gu Lance Corporal Malcolm Campbell, Seaforth Highlanders

An ceathramh latha fichead dhen Chèitean, naoi ceud deug agus a còig deug

A Chaluim chòir,

Nach ann oirnn a thàinig an èiginn!

Tha mi duilich innse dhut gun d’ fhuair sinn fios an t-seachdain seo gun deach Aonghas ar bràthair a chall aig blàr Ypres air an naoidheamh latha dhen a’ mhìos seo. Am balach bochd is gun e ach fichead bliadhna a dh’aois.

Bha e annasach gun robh sinn dìreach air cairt-puist fhaighinn a sgrìobh thu fhèin an latha mus deach Aonghas a mharbhadh, agus tu ag innse gun robh na Gearmailtich a-nis a’ cleachdadh puinnsean. Nach iongantach nach deach na sgrìobh thu a sheansoradh is iad cho faiceallach dè fiosrachadh a thig a-mach?

Tha saoghal ann a seo air a dhol bun-os-cionn. Cha dhìochuimhnich mi a-chaoidh an latha mus do rugadh Murchadh mo mhac - an dàrna latha dhen Lùnastal an-uiridh - Murdaig aig an iasgach air an taobh sear. Catriona an nighean againn nach robh ach bliadhna sa Ghearran ann an uchd a seanmhair, agus am post a’ dol tron bhaile - Latha na Sàbaid - a’ sèideadh feadaig is iad a’ “callaigeadh” suas nam balach airson falbh dhan chogadh.

Bu daor a bha agus a bhitheas tastan an Rìgh dha mòran dhan fheadhainn a dh’fhalbh às an sgìre seo. Ged a rinn mi toileachas gun do rugadh mac dhuinn a bha slàn fallain, bha uabhaltas eagallach air feadh an àite, is chan eil càil a dh’fhios am faic an leanabh seo athair a-chaoidh.