Main content

Tar-sgrìobhadh: Gillebrìde an Ierusalem an Ear

Guth: Gillebrìde MacIlleMhaoil

San t-samhradh 2012, chaidh Gillebrìde MacIlleMhaoil agus buidheann de dh’Albannaich air cuairt chultarail dhan Ear Mheadhanach. Chuir iad seachad ùine ann an Ierusalem, Bethlehem agus sa Bhruach an Iar. Sa chriomag a tha seo, tha Gillebrìde a’ bruidhinn mun chuairt san fharsaingeachd agus na draghan a bh’ air an toiseach nuair a dh’aontaich e a dhol air a’ chuairt chultarail.

Gillebrìde: Nuair a chaidh faighneachd dhomh an toiseach an robh mi airson, an robh mi deònach tighinn an seo anns a’ mhionaid thuirt mi gun robh. Bha mi a’ smaoineachadh gur e cothrom uabhasach math a bh’ ann a bhith a’ faicinn baile eile, a bhith a’ bruidhinn ri daoine eile, agus a’ faighinn a-mach dè seòrsa beatha a bh’ aca ann an àite a bha mi air fhaicinn air na naidheachdan, agus dh’fhaodte àite air an robh mi, air nach robh mi eòlach agus bha mi airson fhaighinn a-mach an robh a h-uile sìon a bha mi a’ faicinn agus a’ cluinntinn anns na naidheachdan, an robh sin fìor?

Co-dhiù, an ceann treis, smaoinich mi mu dheidhinn agus thuirt mi nach robh mi a’ dol a dhol ann, gun robh mi a’ faireachdainn le teaghlach òg agam, nach robh e iomchaidh. Ach an uair sin, a-rithist an dèidh dhomh bruidhinn ri mo bhean is ri mo theaghlach, dh’aontaich mi tighinn ann. Fhuair mi a-mach gun robh an t-àite far a bheil mi a’ dol, sin am Bruach an Iar, an ìre mhath sàbhailte.

Nuair a fhuair mi a-mach nach bitheamaid a’ dol dhan a’ Ghaza Strip, bha mi na bu dheònaiche tighinn. Bha mi air coimhead air an làrach-lìn Oifis nan Dùthchannan Cèin, agus bha iad ag ràdh gun robh a’ Bhruach an Iar gu math sàbhailte san latha a th’ ann an-diugh, gu bheil aimhreit fhathast a’ dol, gu bheil na Palestinianaich a’ gearain an-aghaidh rudan a tha na h-Israelich a’ dèanamh, gu h-araid saighdearan Israelach a’ dèanamh. Ach nach robh aimhreit mhòr sam bith ann, nach robh bombaichean agus nach robh mòran cunnart ann do dhaoine a bhiodh a’ tadhal ann. Agus cuideachd, rud a bha cudromach dhomh fhèin gun robh tòrr luchd-turais a’ dol ann bho air feadh an t-saoghail.