Main content

Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich

Dòmhnall Rankin agus Eàirdsidh MacNeacail a’ bruidhinn air Prògram Choinnich

Coinneach: Tha tunnagan an Dun Tuilm agaibh fhèin cuideachd a Dhòmhnaill a bheil?

Dòmhnall: Oh chan eil ann ach a dhà. Sguir mi bhiathadh na sionnaich! Dh’fhalbh e len cuid bu mhotha dhen fheadhainn mu dheireadh a bh’ agam. Tha dhà air fhàgail.

Coinneach: ‘S a bheil tòrr duilgheadas ann a thaobh a bhith cumail eunlaith, cumail chearcan no tunnagan no cearcan-Frangach no geòidh. Bheil tòrr bheathaichean gan sealg?

Dòmhnall: Uill, tha mi cìnnteach gur e na sionnaich an rud as cunnartaiche dhaibh. Tha gu leòr dhiubh mu chuairt. Och cìnnteach gum bi na h-iolairean-mara, bidh iadsan a’ tighinn mun cuairt a dh’aithghearr, bidh iad a’ tighinn nas fhaisge ’s nas fhaisge air na taighean. Tha iad a’ fàs nas pailt anns an Eilean, tha mi cinnteach gur ann, uill mar tha gnothaichean a’ dol ’s ann nas pailt a bhitheas iad.

Coinneach: ‘S a bheil a’ mhinc agaibh anns an Eilean Sgitheanach?

Dòmhnall: Oh tha minc.... Tha mise fortanach cha tainig iad an rathad agam fhathast – tha Eàirdsidh ann a sheo, 's e tha, tha e gan cumail aige fhèin....

Coinneach: Bha thu gu math luath a’ cantainn ‘tha’ nuair a dh’fhaighnich mis' an robh minc ann!

Eàirdsidh: Oh tha, tha iad ann a sheo, tha. Tha iad uabhasach. Tha mi air aon, uill suas ri fichead a mharbhadh. Bha aon seachdain ann mharbh mi ceithir anns an aona sheachdain. ‘S tha mi air...... oh tha mi air na h-uimhir a mharbhadh on uairsin ann an cèidseachan. Tha mi a' cur biadh ann agus am biadh as fheàrr leotha ‘s e sardines!