Tar-sgrìobhadh: Na Naidheachdan
Darren Laing, Ceana Chaimbeul agus an t-Ollamh Urramach Ruairidh MacLeòid
Darren: A-mach à còrr is ceud Albannach a ghlèidh urram bhon a’ bhanrigh, an turas seo, tha dithis Ghàidheil. Ghlèidh Ceana Chaimbeul MBE airson na rinn i de bhrosnachadh na Gàidhlig, de cheòl agus de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Ceana: Chan eil mi a' faicinn no a' faireachadh atharrachadh sam bith – agus tha mi cinnteach nach bi! Chan eil mi smaoineachadh gu bheil mi airidh, dìreach... cha robh mi riamh ag obair mar aon neach, dìreach leam fhìn air... air rud sam bith ann an dòigh. Ach, canaidh mi seo, ceart gu leòr; bhithinn ag obair còmhla ri daoin’ eile agus a’ dol leotha fhad ’s a bha iadsan a’ dol rathad a bha mise a’ faireachadh a bha ceart is dòigheil.
Darren: Ghlèidh an t-Ollamh Urramach Ruairidh MacLeòid MBE cuideachd, airson a chuid sheirbhis dhan a’ Ghàidhlig agus dhan a’ choimhearsnachd.
Ruairidh: Uill, tha mi a’ faireachadh gu math moiteil – chan eil mi faicinn gu robh mi airidh air an duais seo. Tha e a' toirt air ais gu mo chuimhne na chuidich mi de dhaoine fad nam bliadhnachan, gu bheil, mar gum biodh, com-pàirt acasan anns an ... anns an urram a tha seo cuideachd.
Darren: Airson fear, ge-tà, a ghlèidh duais airson a bhith a' neartachadh na Gàidhlig, gu dè cho làidir ’s a tha i an-diugh – gu sònraichte anns an eaglais?
Ruairidh: Dh’fhaodadh i barrachd a dhèanamh, ach tha e na mhisneachadh dhomhsa na tha de mhinistearan a-nis a’ togail na Gàidhlig – direach anns a’ chlèir againn fhèin ann an Earra Ghàidheal. Tha feadhainn air oidhirp mhath a dhèanamh air a’ Ghàidhlig a thogail.