Tar-sgrìobhadh: An Dà Dhòmhnall
Murchadh MacLeòid: Dòmhnall Macleòid a bh’ air an dithis aca; bha an dithis aca a’ fuireach ann an Canada – fear a bhoineadh do Leòdhas, fear a bhoineadh do Bheinn na Fadhla; chaidh an dithis aca a rèiseamaid Alberta ann an arm Chanada – air an aon latha, air an t-siathamh latha deug dhen t-Samhain. Agus tha àireamh seirbhis aig gach saighdear a thèid a rèiseamaid, agus tha mi creidsinn gur e sin a b’ adhbhar gu robh iad cho dlùth dha chèile. ’S e an àireamh aig aon fhear 79110 agus an àireamh aig an fhear eile 79119, agus dh’adhbhraich sin trioblaid uabhasach ann am bliadhna no dhà an dèidh sin.
Chaidh an dithis aca a-null dhan a Fhraing aig an aon àm, ’s chaidh fear aca a leòn agus a thoirt dhan ospadal, ann an Sasainn – ann an St Albans. Gu muladach, bhàsaich e an dèidh cola-deug no mar sin. Agus ’s ann uaireigineach timcheall air an àm sin a chaidh mearachd a dhèanamh eadar an dithis.
Nise, bha an artagail a leugh mise an toiseach, bha caochladh mhearachdan ann, bha an artagail a ràdh gu robh iad anns an ospadal còmhla, gun deachaidh an leòn aig an aon àm, san aon ospadal.
Nise, tha sin buileach ceàrr. Chaidh Dòmhnall à Beinn na Fadhla a leòn ach ’s ann a-rithist mu beagan mhìosan an dèidh sin, agus bha e ann an ospadal eadar-dhealaichte. Saighdear Leòdhas, ’s e a bhàsaich, agus ann am mearachd, chaidh a chorp a chur suas a Bheinn na Fadhla.