Main content

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 5

Mocheirigh an Taigh Chaluim

Cha mhòr ann an sgìre Lag na Coille air fad a tha air an cois cho tràth anns a’ mhadainn ri muinntir Sheumais. Cha chuala Calum agus Màiri a-riamh cò tha ag èirigh an toiseach, an athair no am màthair, ach tha fios is cinnt gu bheil iad le chèile a’ dèanamh mocheirigh. Tha Calum fhèin gu math furasta a chur air a chasan aig ochd uairean a h-uile madainn, ach is ann caran cadalach a bhitheas Màiri an uair a thig i a-nuas aig cairteal no fichead mionaid an dèidh ochd, agus cha bhi i idir air a dòigh an uair a chanas Calum rithe, mar as tric a chanas:

“Tha feasgar math ann, a Mhàiri.”

“Nam bitheadh i cho dèidheil air an leabaidh aig leth-uair an dèidh naoi a dh’oidhche”, bidh a màthair ag ràdh, “bhitheadh Màiri againne air a cois na bu tràithe.”

“Is e laighe tràth a nì a’ mhocheirigh”, bidh athair Màiri ag ràdh, an uair a bhitheas e ga ruagadh don leabaidh a h-uile feasgar eadar cairteal is deich mionaidean gu deich.

Tha athair is màthair na cloinne gu trang ag obair aig beagan an dèidh seachd uairean gach madainn. Cho luath ’s a gheibh e cupa math de thì theth, làidir, an dèidh dha an teine a thogail, tha Seumas a’ dol a mach a bhiathadh nam beathaichean.

Tha gu leòr aig bean an taighe ri dhèanamh, a’ deasachadh biadh an teaghlaich agus a’ bleoghan na bà.

Aig leth-uair an dèidh ochd, tha a h-uile duine a th’ ann a’ suidhe mun bhòrd airson am bracaist, agus glè ghoirid an dèidh naoi uairean tha Calum is Màiri a’ togail orra don sgoil. Tha ise nis na làn dùisg agus ceud cabhag oirre gus am faigh i an sàs ann an obair na sgoile.

A. Faic cho soirbh ’s a tha iad seo a-nis!
1. Dè an uair aig am bi Seumas is Màiri ag èirigh?
2. Cuin a bhitheas Calum agus Màiri ag èirigh?
3. Cuin a bhitheas tu fhèin air do chois?
4. Dè an uair aig am bi thu ag èirigh Disathairne?
5. Cò an duine mu dheireadh a tha ag èirigh ann an taigh Sheumais?
6. Cò a’ cheud duine a tha air a chois anns an taigh agaibhse?
7. Cuin a bhitheas tu fhèin a’ dol a chadal?
8. A bheil thusa furasta do dhùsgadh anns a’ mhadainn?
9. Dè an uair aig am bi am bracaist aig muinntir Sheumais?
10. Cuin a bhitheas do bhracaist agad fhèin?
11. Cuin a bhitheas Màiri agus Calum a’ falbh don sgoil?
12. Cuin a bhitheas clann a’ bhaile agaibhse a’ falbh innte?
13. Cuin a tha an sgoil agaibhse a’ fosgladh?
14. Càit an robh athair Chaluim anns an sgoil?
15. Dè an sgoil anns a bheil thu fhèin?

B. Is e do chuid a-nis gach beàrn a tha seo a lìonadh:
1. “O mhoch gu ....”
2. “Moch .... ghabh i ’n cuan”
3. “.... gu loch, moch gu abhainn”
4. “Dh’ èirich mi moch .... Chèitein”
5. “Moch ’s mi ’g.... air bheagan èislean”
6. “Is leisg le leisgean dol a ....” Is seachd leisg leis ....”

C. Bidh iad seo nas fhasa:
1. Bidh m’ athair a’ .... an teine a h-uile madainn.
2. Bidh mo mhàthair a’ .... an arain air a’ chlàr-fuine.
3. Bidh a’ bhanarach a’ .... na bà.
4. Bidh sinn a’ .... na mònadh toiseach an t-samhraidh.
5. Bidh a’ chlann a’ .... leabhraichean anns an sgoil.
6. Bidh iad a’ .... litrichean.
7. Bidh na balaich a’ .... le ball.
8. Bidh duine leis a’ phathadh ag .... uisge.
9. Bidh sinn a’ cagnadh le ar ....
10. Bidh an tuathanach a’ .... an fheòir as t-fhoghar.