Tar-sgrìobhadh: Seachdain sa Chogadh
Fiona NicIllFhinnein: Air an t-seachdamh latha deug den Iuchar, naoi ceud deug ’s a còig deug ann an Lunnainn, nochd dithis ann an cùirt armailteach fo amharas gur e luchd-brathaidh a bh’ annta.
Gilleasbuig MacDhòmhnaill: Bha Haicke Janssen air a thighinn a Bhreatainn meadhan a’ Chèitein, ag ràdh gur e Dùitseach à Amsterdam a bh’ ann agus a’ leigeil air gur e fear-siubhail a bhiodh a’ reic shiogàran a bh’ ann. Cha b’ fhada gus na dh’fhàs Seirbheisean Tèarainteachd Bhreatainn amharasach gun robh fear-brathaidh ag obair san sgìre mun cuairt air Southampton. Fhuair iad grèim air teileagraman bho Janssen a bha mas fhìor mu dheidhinn siogàran ach a dh’fhaodadh a bhith air an leughadh ann an dòigh eile. Aig deireadh na mìos, chaidh Janssen a chur an grèim.
Thàinig Willem Roos a Lunnainn à Amsterdam meadhan na mìos, cuideachd ag ràdh gur ann a’ dol a reic siogàran a bha e. À Lunnainn, chaidh e dhan Chaisteal Nuadh agus à sin a Dhùn Èideann far an deach e a dh’fhuireach ann an taigh-òsta ann a Lìte, port as am biodh bàtaichean a’ Chabhlaich Rìoghail a’ falbh ’s a’ tighinn.
Cha b’ fhada gus an robh e fhèin an grèim agus fianais ann gu robh e na fhear-brathaidh. Aig a’ chùirt, dhiùlt Janssen bruidhinn, ach dh’aidich Roos gum b’ aithne dhaibh a chèile. Thug eòlaichean fianais nach robh siogàran ann leis na h-ainmean a bha an dithis a’ cleachdadh ann an litrichean is teileagraman.
Fhuair an dithis aca binn bàis is cha bhiodh fada aca ri feitheamh.