Tar-sgrìobhadh: Na Naidheachdan : Taghadh nan Comhairlean Ionadail
Donnchadh MacFhearghais, Eileen NicDhòmhnaill, Fearchar MacIllFhinnein
Donnchadh: Tha fhiosam gu bheil an Riaghaltas a’ bruidhinn mun cuairt air cumail smachd air foghlam gu nàiseanta – ach chanainn-sa gu bheil e gu math cudromach gum bi smachd aig na comhairlean gu h-ionadail, gu h-àraidh airson nan sgoiltean beaga, a’ deiligeadh ri smaoineachadh mun cuairt air dùnadh sgoiltean, mun cuairt air dèanamh cinnteach gu bheil curraicealam farsaing aig a h-uile sgoil. Tha e air leth cudromach gum bi deasbad mun cuairt air foghlam, agus gu bheil na comhairlichean a gheibh sinn a’ seasamh suas airson ar coimhearsnachdan, agus gu h-àraidh airson ar sgoiltean.
Eileen: Dh’aontaich comhairlichean gum feum cruth atharrachadh a thighinn air dòighean-obrach na comhairle. Rinn iad ath-sgrùdadh; dh’fhaodadh gum bi cuid de sheirbhisean an urra ri buidheannan coimhearsnachd; rud air an cuireadh fear a bha na chomhairliche fàilte mhòr:
Fearchar: Dh’iarrainn-sa a bhith cho ionadail ’s a ghabhas. Chì thu gu bheil e gu math sgapte, am baile seo, gu bheil feum air rathaidean beaga a dh’ionnsaigh gach taigh, ’s gu bheil feumalachdan aig ciorramaich is a leithid sin. So, cha ghabh, cha thachair sin gu bràth gus am bi barrachd cumhachd gu h-ionadail.