Tar-sgrìobhadh: Còmhla a-rithist: Iasgairean Scalpaigh
Alasdair MacLeòid / Daibhidh Moireasdan / Iain Dòmhnallach / Dòmhnall MacSuain
Tom: Alasdair, dè do sgeulachd-sa a-nis? Cuin a thòisich sibh fhèin aig an iasgach?
Alasdair: Uill, bha mise seachd bliadhna fichead mun deachaidh mi thuige.
Tom: Oh, gu sealladh orm!
Alasdair: Chuir mise seachad, chuir mi seachad sia bliadhna ann an Dùn Èideann agus bha mi an uair sin, dà bhliadhna a’ dèanamh mar an tuirt iad national service. Bha mi anns an air force airson dà bhliadhna. Is thàinig mi dhachaigh an uair sin, agus dìreach an t-àm a chaidh Dòmhnall dhan Esralita, bha bha, Murchadh a cheannaich an Esralita, bha e còmhla ri mo bhràthair sa air a’ Venture. Is nuair a cheannaich e an Esralita, chaidh mise na àite san dhan a’ Venture an àite Mhurchaidh. Chaidh mise dhan a’ Venture an uair sin còmhla ri mo bhràthair, sann leis a bha i.
A’ chiad seusan a bha mise sa Venture ann an trì fichead ’s aonan, nuair a bha sinn a’ cunntais aig àm na Bliadhn’ Ùire, tha mi a’ smaoineachadh gur e trì notaichean deug a fhuair mi agus trì pocanan buntàta. Bhitheamaid an uair ud, bhiodh buntàta a’ tighinn às an Èilean Dubh, tarsaing a Gheàrrloch agus bhitheamaid, bhiodh an sgioba air fad a’ dol dhachaigh. Bha làraidh a’ tighinn agus bha na h-eathraichean ag obair còmhla ri chèile, is bhitheamaid a’ toirt dhachaidh buntàta. Agus siud tha mi a’ smaoineachadh a bh’ agam aig Àm na Bliadhn’ Ùire mas math mo chuimhne, trì notaichean deug agus trì pocanan buntàta.
Siud agad a’ bhliadhna, nuair a thàinig an Esralita, is chaidh John Norman innte. Is aig àm na Bliadhn’ Ùir, thuirt a bhean ri John Norman, “Seachainn e! Chan eil beò-shlàint’ gu bhith agad idir ann”.
Dè math a tha sin? An dèidh na Bliadhn’ Ùire, an uair sin, thòisich an t-iasgach thall air an taobh eile. Rinn sinn cosnadh math an uair sin, thall an taobh Stòr is taobh Loch an Inbhir is an taobh sin.
Tom: Agus bha na bha sin a bhàtaichean ann, robh, ciamar a bha sibh a’ faighinn air adhart còmhla? An robh farpais eadar na bàtaichean cò dhèanadh na b’ fheàrr neo an robh sibh a’ faighinn air adhart math dha-rìribh?
Cha robh tòrr farmad idir ann. O, cha robh gu dearbh! Cha chanainnsa gun robh gamhlas air thalamh ann, ach iad a’ cuideachadh ri chèile. Bha. Cha robh iad a’ falach càil air a chèile.