Tar-sgrìobhadh: Leugh Mi
Tommy MacAsgaill a’ bruidhinn ri Anna NicLeòid mun leabhar The Shining le Stephen King
Tommy: ’S e a’ chiad leabhar a tha mi a’ dol a shealltainn dhut, 's e leabhar le Stephen King – The Shining. Agus cheannaich mi e bho chionn bhliadhnaichean air là ciurach, agus bha mi an dèidh òrdachadh aig Foyles, an dèidh ... bha cuideigin ga mholadh air a’ rèidio. Agus chaidh mi staigh gu cafaidh – bha feasgar agam dheth – agus thòisich mi air a’ leabhar. Abair thusa gun d’ thàinig tàirneanaich is dealanaich. Agus ’s e sin an leabhar a thagh mi agus an leabhar a tha mi a’ dol a leughadh pìos às.
Anna: Mus tig sinn chun an leughadh, innis dhomh – do dhuine sam bith nach eil eòlach air a’ sgeulachd – dè tha tachairt?
Tommy: Tha thu a' dol gu saoghal fo na Rocky Mountains, fear Jack Torrance, a bhean ’s an gille beag aige. Agus tha iad a’ tighinn a dh’fhuireach ann airson a’ gheamhraidh. Tha an t-àite dùinte. Tha ainm abair robach aig an àite far a bheil iad, an taigh-òsta. Ach ’s e Jack a tha gus a bhith coimhead às a dhèidh fad a’ gheamhraidh, agus an triùir ac’ gus a bhith ann. Agus tha gnothaichean a’ tighinn, taibhsean ’s... is tha esan a’ sabaid leis an tinneas a th’ air, le bhith trom air an deoch.