Main content

Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich

Ruairidh MacCarmaig

Ruairidh: Tha mi a’ smaoineachadh an-dràsta fhèin gu bheil deasbad mhòr ann, ach tha mi a’ smaoineachadh air a’ cheann thall gu bheil e ’s dòcha nas fhèarr a bhith a’ fuireach ann an Glaschu air sgàth ’s ... ’s e dìreach àite caran sònraichte a th’ ann nam bheachdsa son ball-coise na h-Alba.

Agus thairis air na bliadhnaichean, tha sinn air a bhith a’ faicinn grunn gheamaichean a tha air a bhith tarraingeach, tha mi a’ smaoineachadh, dha luchd-leantainn na h-Alba aig ìre eadar-nàiseanta agus cuideachd aig ìre cupa cuideachd, fhios agad? Ann an Alba, ann am ball-coise na h-Alba fhèin, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e, gu bheil e ceart gu bheil e aig Hampden, agus ’s dòcha gu bheil dha-rìribh e feumach air beagan leudachadh.

Tha mi air a bhith aig Hampden triop no dhà, agus feumaidh mi ràdh, chan eil e a’ coimhead cho tarraingeach sin taobh a-muigh an togalach. Ach nuair a thèid thu a-steach, tha mise a’ faireachdainn cofhurtail gu leòr leis, agus an rud mu dheidhinn a bhith a’ gluasad ’s dòcha thairis gu Dùn Èideann, uill, tha prìomhachas air a thoirt dha rugbaidh tha mi a’ smaoineachadh aig Murrayfield.

Mar sin chan eil mi a’ smaoineachadh gum biodh e ’s dòcha iomchaidh agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil, gu bheil ball-coise na h-Alba, gu bheil e suidhichte ann an Glaschu agus gu feum sin a bhith a’ fuireach ann a shin agus a bhith, dìreach a bhith cothromach cuideachd, a bhith a’ cumail ball-coise ann an Glaschu, rugbaidh ann an Dùn Èideann. Tha mise riaraichte gu leòr le sin.