Tar-sgrìobhadh: Là ithean Geala 1
Calum Bàn
Chan eil balach eile ann an sgìre Lag na Coille cho tapaidh, cho modhail, cho sunndach, agus cho èasgaidh ri Calum Bàn, mac Sheumais Chaluim. Tha a h-uile duine anns an àite, sean is òg, glè mheasail air a’ ghille seo, agus tha adhbhar aca.
Ged nach eil e ach glè òg, chan eil car nach cuir e a làmh ris, agus tha e cho deònach cuideachadh a thoirt do neach eile ’s a tha e obair an taighe aca fhèin a dhèanamh.
Chan eil Calum fhathast ach aon bliadhna deug a dh’aois ach tha e mòr, làidir. Tha suas ri còig troighean a dh’àird ann, agus cha mhòr nach ann a chanadh tu gu bheil e ceithir bliadhna deug a dh’aois. Is ann ri cuideachd athar a chaidh Calum, agus is e daoine mòra, treuna a bha annta riamh. Tha fios aig muinntir na sgìre air fad cho làidir agus cho sunndach, sgiobalta is a bha seanair Chaluim an uair a bha e na dhuine òg. Cha robh aca air a-riamh ach “Calum Mòr”. Is e ainm a sheanar a tha air Calum Bàn ach, fhad ’s a tha e anns an sgoil, chan eil air ach Calum MacDhòmhnaill, agus is e sin an t-ainm a bhitheas e a’ sgrìobhadh air a leabhraichean Gàidhlig.
Tha mòran ag ràdh nach eil àite eile ann a tha nas brèagha na Lag na Coille ach is ann a chanas Calum fhèin nach eil àite idir ann a tha faisg cho brèagha ris. Is ann ri taobh Loch an Dùin a tha an taigh bòidheach, grinn anns a bheil e a’ fuireach, e fhèin is athair is a mhàthair, agus Màiri, a phiuthar.
A. Feuch dè cho math ’s a fhreagras tu na ceistean seo:
1. Càit a bheil Calum a’ fuireach?
2. Carson a tha “Calum Bàn” ac’ air?
3. Dè an seòrsa gille tha ann an Calum?
4. Dè an t-ainm a tha air athair Chaluim?
5. Carson is toigh leis a h-uile duine Calum?
6. Dè an aois a tha e?
7. Dè an aois a tha thu fhèin?
8. Dè an àird a tha ann?
9. Dè nis an àird a tha annad fhèin?
10. Carson a thugadh an t-ainm air Calum?
11. Dè an seòrsa àite tha ann an Lag na Coille?
12. Saoil gu dè tha fàs anns an àite seo?
13. Càit a bheil an taigh anns a bheil Calum a’ fuireach?
14. Dè an seòrsa taighe tha ann?
15. Càit a bheil an taigh agad fhèin?
16. Cò tha fuireach còmhla ri Calum?
17. Cò tha fuireach còmhla riut fhèin?
18. Cia mheud piuthar a tha aig Calum?
19. Cia mheud bràthair a tha aige?
20. Cia mheud piuthar agus bràthair a tha agad fhèin?
B. Cuir facail fhreagarrach anns na sreathan seo, far a bheil feum orra:
1. Tha... anns a’ choille.
2. Gheibh sinn... anns a’ mhuir.
3. Gheibh sinn faochagan anns an...
4. Tha... a’ fàs anns a’ ghàrradh.
5. Bidh sinn ag ithe... còmhla ri sgadan.
6. Ni am bainne an tì...
7. Nì an... an tì milis.
8. Cluinnidh tu searmon anns an...
9. Tha fraoch a’ fàs air a’...
10. Cha bhi clann idir anns an... Disathairne.