Main content

Tar-sgrìobhadh: Dùthaich Nan Craobh

Dòmhnall Dòmhnallach

Dòmhnall: Fear dhe na craobhan as cudromaiche ann am beatha nan Gàidheal, ’s e an darach ’s tha sin air a’ làimh cheart ann a sheo. Tha an darach uabhasach, uabhasach cudromach air sgàth ’s gu robh i air a faicinn mar am prìomh chraobh a tha anns a’ phàirt seo dhen t-saoghal.

Bha daoine a’ coimhead air an darach mar chraobh a bha faisg air na Diathan a bh’ aca ro àm Chrìosdaidh, agus gu math tric, bha i air a cleachdadh airson a bhith snaigh iodhalan-adhraidh agus bhiodh i air a cleachdadh airson a bhith lasadh teinntean no teinnean a bha cudromach a thaobh an creideamh aca.

Agus bha cuideachd, bha na Gàidheil a’ coimhead, bha iad a’ cur trì diofar seòrsaichean no trì diofar sreathan de chraobhan ann agus na prìomh chraobhan mar a chanadh iad, ’s e an darach an tè a bu chudromaiche dhiubh, agus bha craobhan eile mar gum biodh anns an darna sreath agus an uair sin craobhan nach robh iad a’ saoilsinn mòran idir dhiubh. Ach bha an darach, bha i cho cudromach ri craobh sam bith a th’ againn.