Tar-sgrìobhadh: Là ithean Geala 10
A' Gearradh Leum ’s a’ Sìnteag! 1
B’ fhurasta aithneachadh gu robh rudeigin air aire na cloinne ann an sgoil Choir an t-Sìthein Dihaoine sa chaidh, an t-ochdamh latha deug den Ògmhios. Chan ann tric nach eil iad seo gu math stòlda, modhail - ’s e sin fhad ’s a tha iad air taobh a-staigh na sgoile; ach cha robh sùil aig duine gum bitheadh iad mar sin an latha bha seo. Dè bha dol a bhith aca am feasgar sin ach “cleasan, a charaid” mar a thuirt Niall. Cha robh duine anns an sgoil air fad, on fheadhainn a b’ òige gus an fheadhainn bu shine, a bha cho dèidheil air an sgoil an latha ud ’s a bha esan.
Is iomadh balach agus nighean a bha a’ smaoineachadh agus a’ bruidhinn air na cleasan deagh ghreis mus tàinig an latha mòr, oir bha iad uile air an togail riutha, agus gu leòr dhiubh ag ullachadh air an son cuideachd. Tha corra latha nis on thòisich Màiri agus a banacharaid, Iseabail Chaimbeul, a’ ruideas agus a’ ruagail air feadh nam bailtean, is na casan aca air an ceangal ri chèile le crios no ribean.
“Nach seall thus air an dithis tha siud”, ars Ùisdean, bràthair Iseabail, ri Calum, “nach saoil thu gur e paidhir each a tha annta, a’ dol a threabhadh iomaire bhuntàta? Ach gu dè riamh a tha fa-near dhaibh?”
“Gu dè tha ach an rèis thrì-chasach, a bhalaich”, fhreagair Calum, “mas fhìor gu faigh iadsan duais. Tha iad tuilleadh is slaodach, cliobach!”
Cha robh duine nach robh air an uair latha nan cleasan. Cha bhitheadh na bodaich fhèin na bu tràithe an latha bhitheas iad a’ faighinn a’ pheinnsein. Bha Niall fhèin na sheasamh aig doras na sgoile aig cairteal an dèidh naoi, agus ceud cabhag air gus am faigheadh iad a’ mhadainn seachad agus gus an tòisicheadh a’ chluiche agus a’ chòmhstri.
A. Seach gur e latha nan cleasan a tha ann, chan eil agaibh ach beagan cheistean an-diugh - seo agaibh iad.
1. Ciamar a dh’aithnicheadh duine gu robh rudeigin annasach gu bhith aig a’ chloinn an latha bha seo?
2. Dè bha gu bhith aca am feasgar sin?
3. Am bi seo agaibh fhèin cuideachd?
4. Dè an seòrsa latha a bhitheas a’ chlann ag iarraidh an uair a bhitheas seo aca?
5. Carson a bha a’ chlann a’ bruidhinn air an latha seo greis mhòr mus tàinig e?
6. Cò an fheadhainn a bha ag ullachadh air a shon?
7. Dè dh’fhàg Niall aig an sgoil cho tràth an latha seo?
8. Cia mheud duine a bha air dheireadh an latha seo?
9. Carson a bha e doirbh don chloinn faighinn a-steach air an doras?
10. Carson a bha màthair Nèill a’ smaoineachadh gu robh e air fàs gòrach?
11. Carson a bhitheadh a’ chlann toilichte gur e Disathairne bhitheadh ann an ath latha.
12. Cò an fheadhainn a gheibheadh na duaisean?
B. Bidh sinn ag ràdh “cho geal ris a’ chanach” - dè tuilleadh a their sinn?
1. Cho dubh ris an ....
2. Cho saillte ris a’ ....
3. Cho daor ris an ....
4. Cho maol ri mo ....
5. Cho sean ris a’ ....
6. Cho glan ris an ....
7. Cho carach ris a’ ....
8. Cho biorach ri ....
9. Cho caol ri ....
10. Cho cruaidh ris an ....
11. Cho uasal ris an ....
12. Cho bochd ri ....
13. Cho tiugh ri ....
14. Cho còir ris an ....
15. Cho luath ris a’ ....
C. Feuch dè cho luath ’s a lorgas tu iad seo:
1. Cheannaich mi leabhar anns a’ bhùth; is ann .... fhèin a tha an leabhar a-nis.
2. Thug mi dhut tastan; is ann .... fhèin a tha an tastan a nis.
3. Cuir .... do stocainnean, agus cha bhi do chasan fuar.
4. Chuir e .... a chuid aodaich an uair a dh’ èirich e.
5. “Tog .... mo phìob, ’s thèid mi dhachaidh.”
6. Cuir .... do chòta agus croch air cùl an dorais e.
7. Bha mi casruisgte an uair a chuir mi .... mo bhrògan agus mo stocainnean.
8. Thoir .... an t-airgead, agus thèid mi don bhùth.
9. Thug sinn .... an rud a bha iad ag iarraidh.
10. Bheir sinn .... am bainne, ma bheir sibhse .... a’ mhin.
11. Fhuair sinn bòrd ùr; tha trì bùird .... a-nis.
12. Tha piuthar aig Calum ach chan eil bràthair idir ....
13. Tha bràthair aig Màiri, ach chan eil piuthar idir ....
14. Am maighstir-sgoile: “Nach d’ thuirt mi .... nach fhaodadh tu sin a dhèanamh, a Nèill?”
15. Niall: “Cha robh fios .... gur ann .... a bha sibh a’ bruidhinn."