Tar-sgrìobhadh: Alana an Ecuador
Alana: An dèidh latha no dhà aig a’ chost’ ann an Ayangue, thill sinn a Guayaquil, agus fhuair mi cothrom suidhe le Maighstir Cailean. B’ ann aig deireadh 1988 a chaidh e a dh’Ecuador an toiseach. Roimhe sin, bha e na shagart anns an Òban, anns an Iochdar an Uibhist a Deas, agus ann am Bàgh a Tuath ann am Barraigh. Gach àite san deach e, bha obair roimhe. Ann an Alba, bha e an sàs ann an grunn iomairtean – nam measg, Fèis Bharraigh a chur air bhonn, a’ chiad fhèis den leithid; co-chomunn, far an do thog iad Talla an Iochdair; agus Am Pàipear a stèidheachadh.
Sin am measg obair àbhaisteach na Paraiste – gun ghuth a ràdh air a bhith na chluicheadair ball-coise sa sgìre cuideachd. Tha e air obair chruaidh a dhèanamh o thàinig e a dh’Ecuador cuideachd, a’ togail ospadail, eaglaisean, rathaidean, drèanaichean agus iomairtean de gach seòrsa; gach nì airson maith nan daoine.
Bha mise airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air cuid dhe na duilgheadasan a th’ aig muinntir na paraiste, ge-tà.
Maighstir Cailean: Tha teaghlaichean gu math dùinte, dùinte ann an dòigh, a’ cuideachadh a chèile – agus can, nam biodh bochdainn aig duine, dh’fheumadh a h-uile duine bh’ ann a bhith, fhios a’d, cur riutha. Agus a thaobh, can mar, operation, cosgaidh e dà mhìle no rudeigin mar sineach, agus chan eil dòigh air dhòigh aig teaghlaichean an seo a chuir an t-airgead tha sin ann.