Main content

Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd

Ailean: ’S e baile trang, trang a bh’ ann an Tobar Mhoire nuair a bha mise òg, agus bha an 'distillery' anabarrach trang aig an àm a bha sin, agus bha mòran a’ faodainn an cosnadh anns an 'distillery'.
Agus bha bàtaichean-iasgaich a’ tighinn a-staigh, iasgairean a’ tighinn a-staigh le giomaich agus bradan agus sgadan, agus a h-uile seòrsa iasg a b’ urrainn duine ainmeachadh.
Tha cuimhne agams’ air tràlair a’ tighinn a-staigh cuideachd le iasg, agus gheibheadh sibh trosg mòr airson tastan aig an àm a bha sin. Agus ’s iomadh trosg a fhuair sinn ceart gu leòr.
Agus bhiodh sinn fhèin a’ dol a-mach ag iasgach feasgaran samhraidh. Tha sgeirean beag a-null nas fhaisge ri Àird nam Murchan, agus bhiodh sinn ag iasgach an sin. Agus bha e sònraichte math airson iasgach. Rionnach agus a h-uile seòrsa iasg a ghabhadh bruidhinn air, bha sinn a’ faighinn an sin.
Agus, an oidhche as fheàrr a bh’ agam riamh, bha sinn ag obair shuas a’ saorsainneachd air taigh beag ceann shuas Loch Suaineart. Agus thàinig an 'ghillie' aig an uachdaran far an robh sinn an oidhche seo agus thuirt e, "A bheil sibh a’ tighinn a dh’iasgach? Am bu mhath leibh a’ tighinn a dh’iasgach?"
“Oh, bu ghasta leinn a’ dol a dh’iasgach.”
Agus, dh’fhalbh feadhainn againn a dh’iasgach. Agus, bha an uachdaran e fhèin a-staigh sa bhàta cuideachd, is mhothaich mise gun robh an 'ghillie' aige a’ cur pìos de phlaideachan mun cuairt air na ràimh, agus blades nan ràimh. Agus thuirt mi ris, “A Dhòmhnaill, chan fhaca mi duine a’ dèanamh sin riamh. Carson a tha sin?”
Bha airson ’s nach cluinneadh duine sam bith na ràimh anns an uisge. Agus dh’fhalbh sinn, chaidh sinne suas, agus thog an uachdaran a-mach fìdeag, agus shèid e an fhìdeag.
Oh...chì sibh, chunnaic sibh, bha iad a’ falbh cho luath ’s a ghabhadh i. Mhothaich esan bàta, chunnaic e neo chuala e bàta eile ag iomradh agus shèid e an fhìdeag airson ’s gun teicheadh iadsan is nach fhaiceadh iad esan ged a bha an t-iasg aige air a “lettadh” bha e airson oidhche a thoirt dhuinn agus ’s e duine uasal gasta a bh’ ann. Newton Rahoy, ’s e duine gasta, Commander Newton.