Tar-sgrìobhadh: Tìm – Mìcheal Bochanan
Mìcheal: Nuair a bhios mi a’ fàs seachd searbh do Lunnainn, agus bidh e a’ tachairt nuair a dh’fhàsas am baile ro shalach neo ro thrang, neo meadhan an t-samhraidh ma dh’fhaodte ro bhlàth, ’s toil leam a’ tighinn a-nuas an seo gu an Thames fhèin, agus a’ seasamh air fear dha na drochaidean a’ dol tarsainn na h-aibhne agus a’ coimhead air cuid dha na seallaidhean a chì thu às an seo, oir tha mise a’ smaoineachadh gu bheil iad cho tarraingeach ri dad sam bith a chì thu ann am baile sam bith air thalamh.
Ach, ge air bith cà’ seas thu, ge air bith dè drochaid air an seas thu ann an Lunnainn, chan eil teagamh sam bith mu dheidhinn an sealladh as tarraingiche. Agus, ’s e sin Taigh nan Cumantan, agus gu h-àraid an turaid mòr ainmeil air mo bheulaibh, Big Ben, an cloc as ainmeile air thalamh.
Grunn luchd-turais, Dùitsich tha mi a’ smaointinn, taobh a-muigh Big Ben, a’ creanadh an cuid amhaichean, cha mhòr gam bristeadh, a’ feuchainn ri dealbh fhaighinn dhen chloc mòr ainmeil, agus glè thric a’ feuchainn air iad fhèin a chur air beulaibh a’ chloc. Chan ann airson luchd-turais a thàladh a chaidh an cloc a thogail, ach chan eil teagamh sam bith nach e fear dhe na seallaidhean as ainmeile de Bhreatainn air feadh an t-saoghail. Tha an cloc mòr air a bhith a’ dol airson ceud gu leth bliadhna, tro chogaidhean, tro bhùrach, tro dhroch gheamhraidhean, agus tro làithean glòirmhoireachd, agus gu fortanach dhuinne, tha a h-uile coltas ann gu bheil e a’ dol a bhith a’ dol airson iomadach bliadhna eile.
Airson inneal cho achrannach, chan eil Big Ben ach air briseadh sìos aon uair, naoi ceud deug trì fichead ’s a sia deug. Thuit pàirt dhan chloc às a chèile, pìosan a’ tuiteam chun an ùrlair fiù ’s a’ dèanamh milleadh mòr is a’ ciallachadh gum b’ fheudar dhan chloc stad airson sia latha thar fhichead thairis air naoi mìosan airson a chàradh. Tha clagan no dhà air bristeadh an-dràsta ’s a-rithist, agus an luchd-obrach an àite air a stad aig amannan airson a chàradh. Bha tòrr obair ri dhèanamh mar eisimpleir ann an dà mhìle ’s a sia agus a-rithist ann an dà mhìle ’s a seachd, ach gu ìre mhòr, tha an cloc air a bhith gu math earbsach, fiù ’s ged a bhuail na Gearmailtich Pàrlamaid san Dàrna Cogadh, a’ dèanamh milleadh air dhà dha na ceithir clocan agus air an turaid fhèin. Chùm Big Ben a’ dol gu mionaideach tron chogadh.