Main content

Tar-sgrìobhadh: Eileanaich: Na Hearadh

Guthan: Hamish Mac An Tàilleir
Marion NicLeòid
Dòmhnall Iain Moireasdan

Ann an 2011, bha 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal a’ comharrachadh Bliadhna nan Eilean ann an diofar dhòighean. Chaidh sreath de phrògraman le muinntir nan eilean eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an robh iad ag ìnnse dhuinn mu na h-eileanan san deach an togail. Anns a’ chriomag seo tha na h-eileanaich Hamish Mac an Tàilleir, Dòmhnall Iain Moireasdan agus Marion NicLeòid a’ beachdachadh air an eilean aca fhèin, na Hearadh.

Marion: Sìth is sonas saoilidh mi, as fheàrr leam anns na h-eileanan. ’S toil leam, mar gum biodh, bhiodh tu ag èirigh a h-uile là ann a shin is chan eil uallach ort taca ri mar a bhiodh tu anns a’ bhaile mhòr. Mar gum biodh suidheachadh uabhasach socair agad anns na h-eileanan. Dòigh-beatha socair ann. Nan tachradh càil dhut, tha an-còmhnaidh cudeigin ann leis an èigheadh tu, cha dèanadh tu sin sa bhaile mhòr saoilidh mi.

Hamish: Bidh sinn a’ cluinntinn tòrr mu dheidhinn bòidhchead na Hearadh, is tha sinn ga chluinntinn an-diugh ’s dòcha barrachd na bha sinn riamh. Tha luchd-turais a’ tighinn a-staigh, agus chì sinn air an telebhisean is cluinnidh sinn daoine ga mholadh. Ach dhomh fhèin, chan eil ann an eilean sam bith ach cnap-talmhainn neo ’s dòcha cnap-cloiche neo cnap-gainmhich. ’S e a tha a’ dèanamh an eilein dhòmhsa ach na daoine a tha a’ fuireach ann. ’S e sin a tha a’ cur cumadh air, agus ’s e sin a tha a’ toirt bith dha.

Dòmhnall Iain: Oh ’s e.

Hamish: Agus a thaobh na Hearadh, chanainns’ gur e àite a th' ann far am faigh thu aoigheachd, eilean iriosal, eilean tùrail, eilean ciallach. Chan urrainn dhomh gun a bhith ga mholadh! (a’ gaireachdainn) Agus eilean anns an robh tòrr foghlam fada mun tàinig an saoghal gu bhith mar a tha e an-diugh. An t-àite às an tàinig tu fhèin a-muigh an sin, bha e air àite cho foghlamaichte ged a bha e iomallach, àite cho foghlamaichte a bh’ anns na Hearadh, is ma bha, bha e air àite far an robh sluagh cho foghlamaichte ’s a bha san rìoghachd.

Dòmhnall Iain: A bharrachd air sin, tha mi a’ smaoineachadh rud eile a tha cudromach agus ionmholta, ’s e an t-saorsa agus an tèarainteachd a th’ againn. Nuair a bhios mise a’ dol dhan leabaidh air an oidhche, chan eil mi a’ glasadh an dorais fhathast co-dhiù. Agus, tha fhios agad gu bheil thu tèarainte na do dhachaigh is ma tha thu airson a dhol a-mach dha na beanntan neo a-mach dhan a’ chuan neo iasgach neo shealg, tha an saorsa sin agads'. Agus a-rithist, tha e math a bhith a’ coinneachadh ri daoine, ri nàbaidhean is luchd-eòlais, is a’ còmhradh 's a’ conaltradh is fealla-dhà a bhith agad cuideachd.