Main content

Tar-sgrìobhadh: Deasbad Nan Sgoiltean

Claire Frances MacNeil

Claire: Saoil nan tigeadh fear bhon riaghaltas ann a Washington no Pyonyang gu prìomh bhaile na h-Alba agus faighneachd dhut a’ cheist, ‘Càite am biodh am fàilte as blàithe, ann an Glaschu no ann an Dùn Èideann?’ Ann an Dùn Èideann, canaidh iad le frionais, ‘Bi thu air do dhìnnear a ghabhail mur thà.’ Ach, ann an Glaschu ’s e fiathachadh a gheibheadh tu.

Tha Glaschu a cheana gu math nas eadar-nàiseanta na baile sam bith eile ann an Alba is daoine air tighinn a Ghlaschu thar na linntean, an toiseach bhon Ghàidhealtachd, an uair sin bho Èirinn, an uair sin bho Pakistan. An dèidh sin bho air feadh na Roinn Eòrpa agus Sìona agus tron ùine a bha sin, bha Glaschu ri malairt air feadh an t-saoghail bho threànaichean a chaidh a thogail ann an Springburn no bàtaichean a chaidh a thogail air Abhainn Chluaidh. Ann an iomadh dòigh, nuair a thig e gu h-aon ’s gu dhà, ’s e prìomh bhaile Alba a th’ ann an Glaschu.

Feumar faighneachd. A bheil sinn ag iarraidh àite fosgailte is freagarrach? A bheil sinn ag iarraidh àite far a bheil daoine còir is càirdeil? Ma-tà, tha sibh ag iarraidh Glaschu. ’S ann an Glaschu a bu chòir prìomh bhaile Alba a bhith. A Chathraiche, a mhnathan ’s a dhaoine-uaisle, tha sinne gu làidir airson a’ mholaidh. Tapadh leibh.