Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst
Ghabh Slim leithid de dh’eagal ’s gun do thuit e gun mhothachadh chun an làir mar gum biodh peilear air a bhualadh. Bha e mar sin airson mionaid no dhà gus na thòisich e air tighinn mun cuairt. ’S e a’ chiad smuain a thàinig thuige gur ann ag aisling a bha e no gun robh e a’ dol às a chiall. Chaidh e a-null gu sgàthan a bha mar phàirt dhen bhalla agus thug e sùil air fhèin. Bha e cho spaideil, seang ’s a bha e riamh ach bha aodann air a dhol cho geal ris an anart. Chuala e an guth a-rithist, air a’ chùlaibh an triop seo, a’ tighinn bhon chlaigeann.
“A Mhgr Fairly, feumaidh tu mo thiodhlachadh.”
An ann a’ dol às a chiall a bha e? Bha fios aige gum biodh daoine a bha dol às an ciall a’ cluinntinn ghuthan. Cha robh creideamh sam bith aige ann an spiorad no ann an anam. Cha robh ann ach an rud a bha fa chomhair do shùil – agus a’ mhargaid, agus reic agus ceannach.
Chaidh e a-null air a shocair chun a’ bhùird agus shuidh e sìos mu choinneamh a’ chlaiginn. Thàinig an guth a-rithist, guth fìreannach òig.
“Thuirt mi riut, a Mhgr Fairly, gum feum thu mo thiodhlachadh. Gheibh thu mo chlaigeann o Mhgr Hirst agus cuiridh tu na fiaclan agam còmhla ri mo chlaigeann.”
Bha Slim air chrith. Bha a’ bheul tioram. Cha b’ urrainn dha smaoineachadh ceart. Claigeann a’ bruidhinn – bha seo gòrach. Ach chluicheadh e an gèam, mas e gèam a bha inntinn a’ cluiche leis.
“Cò thu?” dh’fheòirich e ann an guth critheanach.
Thàinig an guth a-rithist bhon bheul, ged nach robh am beul a’ gluasad, “Is mise Ruairidh MacNèill, bràthair MacNèill Bharraigh. Chaidh mo mharbhadh ann an 1440 leis a’ Ghille Riabhach aig Bealach na Foille ann an Colla far a bheil mo chnàmhan nan laighe gus an latha an-diugh.”
“Ach tha iad ag ràdh gu bheil an claigeann bhon ochdamh linn deug.”
“Chan eil eòlaichean an-còmhnaidh ceart.”
“Chan eil. Carson a chaidh do mharbhadh?”
“Bha blàr ann eadar sinne is Iain Garbh. Thug An Gille Riabhach an ceann dhìom. Tiodhlaic mo chlaigeann agus m’ fhiaclan aig Bealach na Foille ann an Colla – no bidh ceannach agad air.”
“Carson a tha thu ag iarraidh do thiodhlachadh?”
Chuir e a’ cheist ach cha robh freagairt ann. Chuir e ceistean a-rithist, agus a-rithist, ach cha tàinig aon fhacal an còrr. Thòisich an t-eagal a’ traoghadh beagan, ’s mar a thàinig a mhisneachd air ais beag air bheag, thuirt e ris fhèin nach robh ann ach mac-meanmna. ’S dòcha a’ faighinn rud cho annasach airson a’ chiad uair.