Main content

Tar-sgrìobhadh: Làithean Geala 12

"Bu Toigh Leotha Ceòl is Dannsa"

“Leòbhra, chan eil sian ris an t-saoghal a’ dol an seo an-dràsta”, arsa Curstaidh Nèill ri Mòraig Bhàin an latha roimhe, “ach ruith is leum is ceòl is dannsa, agus cleasan gòrach de gach seòrsa. An uair a bha mise nam chaileig òig anns an sgoil cha robh guth air fealla-dhà is subhachas mar a tha aca an-diugh. Obair gun dòigh! Ciamar a tha dùil aca gum bi foghlam aca?”

Is ann a-mach air cuirm-chiùil na sgoile a bha Curstaidh. Cha robh i riamh a-staigh air faoineas den t-seòrsa seo, mar a chanas i fhèin. Tha ise an dùil gu bheil còir aig a’ chloinn a bhith a’ leughadh ’s a’ sgrìobhadh ’s a’ cunntas bho mhoch gu dubh air neo nach bi srad foghlaim idir aca. Ach is ann a tha clann Choir an t-Sìthein cho trang aig na leasain fad na bliadhna agus nach uilear dhaibh beagan cluiche agus toileachais an uair a tha cead an t-samhraidh a’ tighinn dlùth.

Tha grunn math sheachdainean a nis on thòisich iad ag ullachadh airson cuirm-chiùil na bliadhna seo, ach o chionn seachdain no dhà air ais cha robh latha nach robh iad greis ris an obair seo. Chan aidich Curstaidh chòir gur e obair a tha seo idir, ach cur-seachad agus rud gun tùir. Is math tha fios aig a’ chloinn fhèin agus aig Mgr. Mac an t-Saoir, agus na bana-sgoilearan cuideachd, nach eil an gnothach cho furasta sin idir, agus gu bheil saothair gu leòr na chois, ged a tha e a’ còrdadh gu math ris a h-uile duine. Dh’fheumadh a’ chlann òrain ionnsachadh agus sgeulachdan is rannan is dannsa, agus ged a tha iad gu math èasgaidh agus glè dheas gu ionnsachadh, cha b’ urrainn dhaibh sin a dhèanamh gun dìcheall agus gun chuideachadh. Bha duine no dhithis nam measg a thug an t-ionnsachadh tàire gu leòr dhaibh, ach “cha bhi dìcheall air dheireadh”, agus dhearg iad air ceann sreatha.

Latha no dhà an dèidh don ullachadh mhòr a bha seo tòiseachadh, nach ann a chuala Niall fitheach a’ gròcail ri taobh an rathaid mhòir, an uair a bha e air an t-slighe dhachaidh às an sgoil. “Nach buidhe dhut”, ars esan, “ged a tha thu dubh!” (bha e an dùil nach robh duine ga chluinntinn.) “Chan eil agad ri dhol don sgoil o cheann gu ceann den bhliadhna - agus ged a bhitheadh fhèin, cha toireadh iad ort òran a ghabhail innte!”

A. Cha toir na ceistean beaga seo tàire sam bith dhutsa.
1. Dè an rud as trice bhitheas clann Choir an t-Sìthein a’ dèanamh anns an sgoil (ann am beachd Churstaidh Nèill)?
2. Ciamar bu chòir dhaibh an ùine a chur seachad? (Beachd Churstaidh a-rithist!)
3. Saoil dè an rud a chleachd ise bhith dèanamh fhad ’s a bha i anns an sgoil?
4. Cuin a thòisich iad ag ullachadh airson cuirm-chiùil na sgoile?
5. Saoil dè cho tric ’s a bhitheas cuirm-chiùil den t-seòrsa seo aca?
6. Dè cho tric ’s a bhitheas rud den t-seòrsa seo anns an sgoil agaibh fhèin?
7. Ciamar a dh’fheumadh a’ chlann a bhith fhad ’s a bha iad ag ullachadh airson na cuirm-chiùil?
8. Ciamar a bha an obair seo a’ còrdadh riutha?
9. Ciamar a chòrdadh i riut fhèin?
10. Dè bha aig a’ chloinn ri ionnsachadh?
11. Cò thug cuideachadh dhaibh?
12. Ciamar a tha fhios againn nach robh an obair furasta?
13. “Nach buidhe dhut”- dè tha sin a’ ciallachadh?
14. Carson a bha farmad aig Niall ris an fhitheach?
15. Saoil am bitheadh farmad agad fhèin (a) ris an fhitheach, (6) ri Niall?

B. Is dòcha gun cuala tu seo – “Is àirde e na taigh an rìgh, is mìne e na sìoda”. Tha facal a dhith air a h-uile sreath a tha seo. Saoil an lorg thu iad? Cuidichidh an tòimhseachan thu - ach cha bhi feum agadsa air cuideachadh idir!
1. Tha na h-eòin binn, ach is i an smeòrach as .... de na h-eòin uile.
2. Is e gille glic a tha ann an Calum, ach tha athair nas .... na an gille.
3. Ged a tha m’ athair còir, tha mo sheanair nas …….. na e.
4. Is e stuth cruaidh a tha ann am fiodh daraich, ach tha iarann nas .... na fiodh sam bith.
5. Chan eil an gamhain ach òg, ach is ann nas .... a tha an laogh.
6. Nach i an fheannag a tha dubh! Is i, ach tha fitheach nas .... na i.
7. Is ann gu math saor a tha an t-aran; chan eil biadh eile ann a tha nas .... na e.
8. Faic cho caol ’s a tha am bior-stocainn; ach tha an t-snàthad mhòr cus nas .... na am bior.
9. Tha an rùm seo blàth; is ann nas .... bhitheas e an uair a ghabhas an teine.
10. Ged tha an t-each luath, tha an cù nas .... na e.

C. Dèan facail de na figearan seo - agus sin gu sgiobalta!
(a) 14; (b) 27; (c) 56; (d) 72; (e) 85; (f) 98; (g) 122; (h) 133; (i) 159; (l) 1500

B. Abair a-nis gu bheil thu fhèin ag ullachadh airson cuirm-chiùil na sgoile. An tèid agad air dà cheathramh a sgrìobhadh den òran bu toigh leat a ghabhail? Mura tèid, is e do chuid a bhith sàmhach; ma thèid, faodaidh tu tòiseachadh sa mhionaid - air a sgrìobhadh, chan ann air a sheinn!