Main content

Tar-sgrìobhadh: Eadar Dà Fhadhail

Alasdair: Bha gu leòr de mhuinntir na h-Àirde ag obair am Baile nan Cailleach...

Màiri: Bha a’ chuid bu mhotha dhiubh, bha, bha.

Alasdair: Ach a-nist’, can bhon àm a chaidh a bhristeadh suas, tha a’ chruit, can a’ chruit a deas ann a sheo a th’ agaibh fhèin, tha sineach as an teaghlach tha seo bhon àm tha sin, nach eil?

Màiri: Tha, ’s e Dòmhnall a fhuair a’ chruit air sàillibh gu robh e sa chogadh. Cha robh esan ga obrachadh, bha e ga fhàgail aig a’ bhràthair Ruairidh nach maireann.

Alasdair: Bha sibhse marsantachd, nach robh? Bha buth bheag agaibh anns an Àird?

Màiri: Bha bùth bheag ann an ceann shìos an taighe aig mo mhàthair. Bha h-uile seòrsa de tì ’s siùcar agus tombaca, agus bha an uair sin, bha aodaichean aice. Bha aodaichean uabhasach maiseach, ’s bhiodh iad a’ tighinn à Eilean Lodaidh ’s à Griminis dhan bhùth ag iarraidh simitan is drabhais. Chan eil cuimhn’ agams’ ach long johns sìos gu cùl nan cas. Agus bhiodh i faighinn deiseachan do dh’fheadhainn.