Tar-sgrìobhadh: Sà r Chlà r
Rosemary Ward
Rosemary: Uill thagh mi seo, tha seo.... saoilidh mise gu bheil seo dìreach ga mo tharraing air ais chun a’ chiad obair agam. Às dèidh dhomh ceumnachadh bho Cholaiste Naomh Anndra mar thidsear, cha robh obraichean ri fhaighinn ann an Srath Chluaidh aig an àm, agus b’ fheudar dhomh a dhol far an robh obair, ’s chaidh mi sìos, chuir mi romham gu robh mi a’ dol sìos a Shasainn a thòiseachadh a theagasg.
Agus feumaidh mi ràdh gun do chuir mi seachad dhà no trì bhliadhnaichean air leth shìos ann an Sasainn a’ teagasg ann am Forest Gate an taobh an ear de Lunainn aig àm a bha gu math gu math duilich ann an eachdraidh Lunainn; mar a bhios cuimhn’ agad Patsi, bha na Broadwater Farm Riots a’ dol aig an àm – sin agad nuair a chaidh am poileasman Blakelock a mharbhadh, agus bha mise an teis-meadhan mar gum biodh.
Bha mi ag obair dha comhairle far an robh Bernie Grant, aon dha na comhairlichean Làbarach a bha a’ bruidhinn a-mach as motha mu dheidhinn, mar gum biodh, an dòigh anns an robhar a’ làimhseachadh na daoine dubha ann an Lunnainn, agus an strì a bha a’ dol aig an àm airson còraichean na h-Àisianaich agus na daoine dubha ann an Lunnainn, mar gum biodh, a dhìon. So ’s e àm gu math doirbh a bh’ ann, ach aig a’ cheart àm, ’s e àm luma-làn de chothroman chionn, ’s e tha “Somewhere, Somewhere in Summertime” a' toirt air ais gu mo chuimhne, an cothrom a fhuair mi a bhith an làthair aig Live Aid.