Main content

Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil

Iain: Uill an tè a tha air aoigheachd a-nochd, a chàirdean, tha i gu math ceòlmhòr ach chan e mhàin gu bheil i gu math ceòlmhòr ach tha i gu math spòrsail agus tha mi a’ ciallachadh sin, tha i eirmseach gun teagamh ach i tha a’ cluich spòrs agus gu h-àraid a’ cluich ball-coise. Tha e na thlachd a bhith a’ cuir fàilte air Anne Louise Stiùbhart. Ciamar a tha thu Anne Louise?

Anne Louise: Tha gu, tha mi gu math tapadh leibhse.

Iain: Nis, robh thusa, dh’fhàs thusa suas, ann a, taobh a’ muigh Chuil ann an sgìre a’ Bhac ann an Leòdhas. An robh e cumanta nuair a bha thusa a’ fàs suas gum biodh clann-nighean a’ cluich ball-coise?

Anne Louise: Cha robh mòran nuair a bha mise òg, ach tha mi a’ faicinn a-nis gu bheil barrachd ùidh aig clann-nighean òg air feadh an eilein.

Iain: Dè an t-adhbhar a tha air cùl sin a bheil thu a’ smaointinn, o chionn ‘s dòcha gu bheil inbhe a’ ghèam a’ fàs a-nise seach g’eil e air telebhisean cho tric?

Anne Louise: Tha, tha barrachd coverage aig sgiobaidhean nam ban agus tha, tha iad a’ faicinn gu bheil boireannaich phroifeiseanta a’ cluich agus chan eil daoine a’ faicinn clann-nighean a’ cluich ball-coise mar rud àraid a-nis no gur e rud airson balaich a mhàin a th’ ann no càil mar sin so tha e math a’ faicinn gu bheil na clann-nighean a-nis gu nàdarrach a’ cluich ball-coise.