Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich – Crann Ola
Coinneach MacÌomhair a' còmhradh ri Ailig Dòmhnallach
Coinneach: Tràigh Dhail Mòr, sin far a bheil e. H-abair sealladh neo-àbhaisteach, iongantach!
Ailig: Àite brèagha dha-rìribh a tha tarraing mòran luchd-turais, agus feadhainn às a’ sgìre fhèin. Aig deireadh-seachdain, tha an t-àite seo gu math trang, eadar feadhainn a’ snàmh, feadhainn air na ski boats, na rudan sin; tha tòrr mòr dhaoine ann a seo.
Coinneach: Ach cuideachd, àite a dh’fhaodas a bhith gu math cunnartach?
Ailig: Tha e cunnartach dha-rìribh – agus chan eil ach seachdain bho theab boireannach a bhith air a bàthadh an seo. Chaidh na maoir-chladaich agus heileacoptair a thoirt a-mach, bhon tha sruth ann gu math meallta, gu h-àraid anns a’ spot anns a bheil an rig a tha seo air a thighinn air tìr, glè fhaisg air a sin, tha sruth làidir ann.
Coinneach: Nise, ’s iomadh rud a tha thu fhèin air fhaicinn anns an sgìre seo thairis nam bliadhna, ach dh’fheumadh sinn a ràdh, tha sealladh an seo nach fhaca tu ron a seo!
Ailig: Bha sinne a’ lùigeachdainn an ola thighinn a Charlabhagh ach cha b’ ann mar seo! (gaireachdainn)
Coinneach: Tha beagan ola air bòrd tha e coltach.
Ailig: Tha e coltach gu bheil tòrr ola air bòrd. ’S e sin as motha a tha a’ dèanamh dragh dhuinn. Ma thig sin air tìr, dh’fhaodadh e milleadh an traigh, is dh’fhaodadh e milleadh an iasgach a-mach à seo.
Coinneach: Far a bheil i ann a sin an-dràsta, an ann air creag a tha i no an ann air gainmheach?
Ailig: Chanainn sa gur ann air creag a tha i an sin. Tha a’ ghainmheach nas fhaide a-staigh. No ’s dòch’ g’ eil pàirt dhen dà chuid ann.
Coinneach: Tha i gu math solid mar a chanas iad, nach eil?
Ailig: O tha mi smaoineachadh gum bi dùbhlan romhpa seo a tharraing a-mach air ais. Chan eil fhiosam dè thachras.