Tar-sgrìobhadh: Na Lìogs le Alex O' Henley
Ailig: An seo ann an Èirisgeigh bha am maighstir-sgoile ionadail Dòmhnall Dòmhnallach gu mòr an sàs ann a bhith a’ ruith na sgioba ionadail agus mar a tha a’ mhac Niall a’ cuimhneachadh cha robh e daonnan furasta sgioba fhaighinn ri chèile. A Nèill, nuair a bha sibhse a’ fàs suas ma tha agus ur n’athair os cionn na sgioba, bha ball-coise gu mòr mar phàirt dheth ur beatha a’ fàs suas an seo an Èirisgeigh.
Niall: Oh, gu dearbh bha. ‘S e àite gu math beòthail, trang a bh’ann an Èirisgeigh sna bliadhnachan a bha sin bhon bha na balaich, bha tòrr mòr dhe na gillean air an eilean bha iad ag obair air an sgadan. 'S marsin bha gu leòr dhiubh a bha dèidheil air a’ bhall-coise agus bha gu leòr dhe na balaich a bha sin ‘s e balaich òga a bh’ unnta air fad. Chanainnsa gu robh suas ri dà fhichead gu leth-cheud ag obair air sgadan aig an àm sin. Agus bhiodh iad a-muigh fad na seachdain o Diluain gu Dihaoine, Disathairne agus ‘s e Didòmhnaich an là mòr a bh’ aca airson a’ bhall-coise. A-nis, feumar a chuimhneachadh, ann an naoi ceud deug trì fichead, nach robh telebhisean neo dad eile de dibhearsain an seo an Èirisgeigh. Cha robh sinn a’ siubhal a dh’àite, cha robh sinn ach air an eilean an seo agus ‘s e am ball-coise an dibhearsain a bha a’ còrdadh ris na daoine, ris an òigridh air fad. Agus dìreach mun àm sin nochd sagart òg air an eilean, Mgr Aonghas MacCuithein agus bha esan gu mòr a’ brosnachadh na gillean cluichd, ach cha robh e furasta a chionn 's gu robh na gillean aig muir fad na seachdain agus ’s e sin aon adhbhar gur ann air Didòmhnaich a bha na geamannan. Mar a bha Èirisgeidh cuideachd aig an àm, feumaidh sinn cuimhneachadh gur e eilean a bh’ ann, cha robh cabhsair neo dad dheth sin ann! Ach, gu dearbha, tha mi a’ smaoineachadh, anns na leth-cheud bliadhna a tha air a bhith ann, tha mise a’ smaoineachadh gu bheil Èirisgeigh air a bhith san Lìog a h-uile bliadhna on a thòisich iad ann an trì fichead agus tha sinn gu math pròiseil às an sin air an eilean.