Main content

Tar-sgrìobhadh: Airidh air Urram – Ethel Bassin

Jo NicDhòmhnaill

Jo: ’S ann am Belarus neo Mogilev mar a bh' air aig an àm a rugadh athair Ethel Bassin. Bhuineadh e do theaghlach beartach Iùdhach, agus thug e a-mach dreuchd Rabbi. Ach dh’atharraich cùrs’ a bheatha nuair a thachair e ri miseanaraidh à Eaglais Shaor na h-Alba ann an Constantinople, Istanbul an-diugh, agus aig aois naoi air fhichead, dh’atharraich e a chreideamh.

Chaidh e a dh’obair na mhiseanaraidh am measg nan Iùdhach agus ann an ochd deug, ceithir fichead ’s a còig, thàinig e a Dhùn Èideann far an robh dreuchd aige mar cheannard air buidheann air an robh ‘The Scottish 91Èȱ¬ Misson to the Jews’.

Rugadh Ethel an Dùn Èideann ceithir bliadhna an dèidh sin, agus bha a tàlantan follaiseach bho aois gu math òg. Choisinn i mar eisimpleir grunn dhuaisean airson ceòl is i dìreach na sgoilear aig George Watson’s Ladies College.

Fhuair i teisteanas bho Acadamaidh Rìoghail Ciùil Lunnainn aig aois naoi deug, agus an dèidh beagan bhliadhnaichean a’ teagasg ceòl ann an diofar sgoiltean ann an Sasainn, chaidh i gu Colaiste Moray House ann an Dùn Èideann, far am b’ i a’ chiad oileanach riamh anns a’ cholaiste sin a fhuair teisteanas airson ceòl a theagaisg ann an sgoiltean Alba. Bha seo ann an naoi deug is còig deug.

Chan eil fios agam le cinnt ciamar, cuin neo carson a ghabh i ùidh ann an òrain Ghàidhlig an toiseach, ach faodaidh e a bhith gur e an tè a bha a’ toirt leasanan piàna dhi aig an àm seo a bu choireach. B’ ise Marsaili NicUalraig Fhriseal agus tha e coltach gun do theagaisg Marsaili Mhòr dha Ethel cuid dha na h-òrain a bha a’ nochdadh anns na leabhraichean aice fhèin, Songs of the Hebrides, leabhraichean air an robh fèill mhòr aig an àm.