Tar-sgrìobhadh: Tilleadh Dhachaigh
Leugh mi ann an aon leabhar sgeulachd glè mhath mu dheidhinn a’ chreig a tha siud aig Rudha nan Clach. Tha e coltach bho chionn fhada, fhada, ‘s dòcha anns a' chòigeamh linn deug neo an t-siathamh linn deug gu robh iasgair agus bàta aige air acaire shìos fon chreig a tha sin agus gun deacha bò leis a’ chreig agus gun do thuit i air a’ bhàta aige agus chaidh a’ bhò a mharbhadh agus chaidh am bàta a bhristeadh às a chèile agus chaidh i fodha, ‘s marsin bha call air a’ chroitear bhochd a chaill a bhò agus bha call cuideachd air an iasgair a chaill a’ bhàta. Agus tha e coltach gun do thog an t-iasgair cùis-lagha an aghaidh a’ chroiteir. Bha e ag iarraidh airgid-dìolaidh tha mi cìnnteach airson an call a dh’fhuiling e. Agus às na làithean a tha sin ‘s e an ceann-feadhna agus ‘s e na Lèodaich a bha a’ riaghladh shuas nas fhaide na Talaisgeir, Leòdaich Dhùn Bheagain, agus...eh, chaidh a chùirt far an robh ceann-feadhna na Lèodaich agus ‘s ann a thog an croitear an uairsin cùirt-lagha an aghaidh an iasgair is bha e ag ràdh mura b’e gu robh am bàta ann gu robh a bhò air tuiteam dhan mhuir agus gu robh i air snàmh gu tìr agus nach robh i air a bhith air a marbhadh idir.
Agus cha b’urrainn dhan a Leòdach tighinn gu co-dhùnadh sam bith cò a bu choireach.
Agus aig an àm a bha sin ‘s fheudar gu robh sìth eadar na Leòdaich agus Dòmhnallaich Dhùn Tuilm agus bha britheamh aig an Dòmhnallach an Dùn Tuilm, ’s e fear MacCuinn a bh’ air tha e coltach agus bha e uamhasach, uamhasach math air breithneachadh a thoirt air suidheachaidhean mar sin agus ‘s e a thachair gun do dh’iarr an Leòdach am faigheadh e iasad dhen bhritheamh a bha seo airson èisteachd ris an dà thaobh dhen sgeul agus tighinn gu co-dhùnadh agus mus do thòisich e fhuair e aonta ge bith dè an co-dhùnadh gun tigeadh an duine a bha seo gu feumar gabhail ris.
Agus, ‘s e, nuair a dh’èist an duine glic a bha seo ris an sgeulachd ‘s e a thuirt e, uill, cha b’ e a’ bhò bhochd a bu choireach ris an tubaist idir agus a mhotha na sin cha b’ e bàta an iasgair a bu choireach ris nas motha, 's e a bu choireach ris an tubaist, a’ chreig! Agus a chionn ’s gur ann le Clann ic Leòid a tha a’ chreig bu chòir dhan a Lèodach airgid-dìolaidh a thoirt an dà chuid dhan chroitear agus dhan iasgair agus tha e coltach gur e sin a thachair.
Abair gliocas!