Tar-sgrìobhadh: Am Balach ’s a Sheanmhair
Donnchadh MacGilliosa
Donnchadh: Bha e fhèin ’s a sheanmhair a’ tuigs’ a chèile meadhanach math, ach cha robh an-còmhnaidh. Bhiodh e tric thall aic’, dhà no thrì thurais san t-seachdain. Bha an dithis ac’ gu math sàmhach mura biodh duin’ ann ach iad fhèin. Corra uair bhruidhneadh iad, thigeadh còmhradh eatorra, ’s dòcha an uair sin gum biodh iad greis mhòr sàmhach, ’s ise ri fuine no ri fighe agus esan a’ toirt a-steach na mònach agus a’ dol dhan tobar. Shuidheadh esan na cuideachd ùineachan gun cus ag ràdh. Aon turas, chaidh iad beagan a-mach air a chèile, agus turas eile, rinn ise rud a chur air, agus theich e bhuaip’ greiseag.
San Ògmhios 1950, chaidh e fhèin ’s a phiuthar agus a mhàthair ’s athair, a-mach a Ghlaschu airson cola-deug no trì seachdainean. Cha robh a’ chlann air a bhith air falbh riamh. Bhleoghann Anna Bheag a’ bhò fhad ’s a bha iad air falbh.
Bha iad air a’ bhus a’ falbh, agus a’ tighinn faisg air taigh a sheanmhair, nach ann a chunnaic e is’ an oir a’ rathaid, ’s i a' togail a làimh air taobh an dràibheir. Stad esan leis a’ bhus fhada ghorm, agus thuirt a sheanmhair dhà no thrì fhacail ris, agus chuairtich i mu thoiseach a’ bhus agus thàinig i air bòrd. Bha an engine a’ dol ach cha robh am bus a’ dol a charachadh – oir bha a sheanmhair-san air nochdadh, rud ris nach robh dùil aig duine.