Main content

Tar-sgrìobhadh: Thuige Seo

Màiri Anna NicDhòmhnaill ann an còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

Màiri Anna: Gu ìre, bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gun dèanainn barrachd le cànain anns an oilthigh. Bha mi a’ smaoineachadh gun dèanainn Gearmailtis, ach nuair a bha thu a’ dol a dh’oilthigh Ghlaschu an uair sin, bha neach-comhairleachaidh aig a h-uile duine, is bha thu a’ dol a choimhead air an duine sin. Chan eil mi idir a’ dol a dh’ainmeachadh cò e, ach tha e beò, tha fhios aige fhèin! A’ chiad latha a bha thu san oilthigh, bha thu ann a shin nad neoichiontach, beag, seachd bliadhn’ deug ag ràdh, “Tha mise a’ smaoineachadh gun dèan mi seo, gun dèan mi Beurla is Gàidhlig is Gearmailtis!”

Uill, choimhead an duine seo orms’ is thuirt e, “Tha Gearmailtis aig naoi uairean sa mhadainn.”

Bha seòrsa de.... bha tòrr air cùlaibh sinach. Bha sin ag ràdh, ‘Chan eil thusa coltach ri tè tha dol a dh’èirigh son clas aig naoi uairean sa mhadainn.’ Bha e cho ceart ri ceart, cha do ghabh mi idir e.

Dòmhnall: Dè rinn thu ma-thà?

Màiri Anna: Rinn mi litreachas na h-Alba, bha sin air aig meadhan-latha.

Dòmhnall: Chan eil mi gad chreids’. Rinn thu e air sgàth ’s gun robh ùidh agad ann a-nise.

Màiri Anna: Uill, bha seòrsa.... bha ùidh agam ann gu ìre. Bha mi ag iarraidh psychology a dhèanamh, is thuirt e rium gun robh mi ro òg. Bha mi ro òg airson psychology, bha mi ro leisg airson Gearmailtis. Cha robh e a’ fàgail cus agam!

Dòmhnall: Rinn thu Gàidhlig cuideachd.

Màiri Anna: Rinn mi Gàidhlig airson bliadhna. Rinn mi Gàidhlig is Beurla, Litreachas na Beurla, Litreachas na h-Alba.

Dòmhnall: Is carson a lean thu le Litreachas na Beurla seach Gàidhlig?

Màiri Anna: Uill, bha Gàidhlig.... ma bha thu a’ dol a chumail ort le Gàidhlig, dh’fheumadh tu Cuimris is Gàidhlig na h-Èirinn a dhèanamh, is bha sin a’ coimhead cianail fhèin doirbh is bha Beurla a’ coimhead cianail fhèin furasta. Ach, gu mi-fhortanach, aon uair ’s gun d’ rinn thu do roghainn gun dèanadh tu Beurla, thàinig an uair sin Anglo Saxon, seann Lochlannais, seann Ghearmailtis! Thàinig na cànain doirbh na sreath is na sruth! ’S dòcha gum bithinn a bhith na b’ fheàrr a’ fuireach far an robh mi leis a’ Chuimris.