Tar-sgrìobhadh: Gaseat Steòrnabhaigh aig 100
Ceitidh Anna NicChoinnich agus Dòmhnall Aonghas Mac a’ Ghobhainn
Ceitidh Anna: Fear eile a bha air leth sgileil air peann a chur ri pàipear agus e làn eirmseachd, b’ e Seòras Moireasdan à Tolastadh, “Am Breve.” Thug esan leth-cheud bliadhna a’ sgrìobhadh a’ cholbh “The Brevities,” suas gu toiseach na h-ochdadan. ’S ann ann an Glaschu a chuir am Breve seachad a’ chuid mhòr dha bheatha, mar a dh’innis Dòmhnall Aonghas Mac a’ Ghobhainn dhomh.
Dòmhnall Aonghas: Bha esan airson teagaisg ann a sheo, ann an Glaschu a bha e. Bha e na fear-teagaisg ann an King’s Park agus bhiodh esan, bha e a’ sgrìobhadh colbh agus bha e gu math èibhinn. Bha e math air a bhith ag innse sgeulachdan èibhinn agus bha iomadach bliadhna.
Tha cuimhneam aon sgeulachd bha ... mar a bhios a h-uile duine dha na Gàidheil, bidh iad a' magadh air a chèile co-dhiù, agus bha e fhèin, bha e air Comunn Leòdhais agus na Hearadh, an comataidh aig Comunn Leòdhais agus na Hearadh agus aig an aon àm bha fear eile air a’ comataidh ann a shin, Dòmhnall MacIllEathain, Dòmhnall ’An Bhàrd. ’S e Inspector Poileas a bh’ ann. Agus bha, bhiodh feadhainn ag ràdh gu robh Dòmhnall gu math mòr às e fhèin. Agus nuair a leig e dheth a dhreuchd ann an Glaschu, sgrìobh am Breve anns a’ cholbh aige:
“Inspector Donald MacLean has retired from the Glasgow Police, and he’s going home to Shawbost to build a house on his own head!” Tha sin a’ ciallachadh “air a cheann fhèin!”
Agus sin an seòrsa sgeulachdan èibhinn a bhiodh aig a’ Bhreve, agus tarraing à daoine mar sin!