Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil
Beathag Mhoireasdan
Iain: Bha thu ag innse dhomh mus tàinig sinn air an èadhar gu bheil ùidh mhòr agad ann an Dubai agus...
Beathag: Oh seadh.
Iain: ...gum bi thu a’ dol ann tric.
Beathag: Bidh, uill uair anns a’ bhliadhna, tha. Tha Dubai a’ còrdadh rium agus nuair a thill mi... nuair a bha mi air an t-slighe air ais à Astràilia, dh’fhuirich mi ann an Dubai trì oidhche dìreach airson...
Iain: Dè tha gad thoirt air ais ann? A bheil bodach agad ann an Dubai?
Beathag: Oh isd! Chan eil!
Iain: Sheikh?
Beathag: Chan eil sheikh agam. Oh murt mhòr!
Iain: Ach a bheil adhbhar carson a tha thu a’ dol a-null cho tric?!
Beathag: Tha thu a-nist’ a’ toirt orm gàireachdaich! Uill chaidh mi ann an toiseach... fhuair mi cuireadh bho caraid dhomh, caraidean dhomh a bha ann agus bha esan ag obair ann an Dubai. Agus sin mar a thòisich mi a’ dol ann. Bhithinn acasan an toiseach, ach an uair sin thàinig iad dhachaigh a dh’fhuireach an Glaschu air ais. Ach chùm mise a’ dol ann airson seachdain. Mar as trice, ’s ann anns an Fhaoilleach a bhios mi a’ dol ann. Deireadh an Fhaoillich, tha an t-sìde an uair sin ann an Dubai a’ fàs blàth is tha e gu math càilear.
Iain: Feumaidh mi aideachadh an t-eòlas a th’ agam air Dubai, chan eil miann sam bith agam dol ann.
Beathag: Nach eil?
Iain: Ach feuch ri reic a-niste.
Beathag: Uill, tha e math airson ceannach
Iain: Tha, tha e coltach.
Beathag: Tha malls uabhasach math ann. Ach a bharrachd air a sin, tha tòrr ann a dh’fhaodas tu dhèanamh.