Tar-sgrìobhadh: Balach à Borghastan
Iain MacArtair a’ bruidhinn mu Dhòmhnall Chalum MacArtair
Catrìona: Na bhalach òg aig àireamh a còig, Borghastan, bhiodh Iain Beag air bhioran gus cluinntinn mu dheidhinn na bha dol ann am beatha a’ cho-ogha, Dòmhnall Calum, thall an Aimeireagaidh.
Iain: Bhiodh sinn an-còmhnaidh, bhiodh sinn a’ coimhead ris a thighinn air saor-làithean. Bhon ’s e duine annasach a bh’ ann ann an iomadach dòigh – duine uasal ach iriseal. Agus bha e àrd – bha presence aige. Agus nan tigeadh e a-steach do thaigh, no do dh’àite sam bith, mhothaicheadh tu dha. Bha h-uile duine dhan teaghlach àrd, ach bha rudeigin ma dheidhinn-san a bha dìreach eadar-dhealaichte.
Ach ’s e bha inntinneach ma dheidhinn, tha mi creids’, dhomhsa, nuair a bha mi beag, (an) seòrsa obair a bh’ aige agus gum biodh e ag ràdh gu robh e ag obair an lùib rudan a bha co-cheangailte ri Cape Kennedy mar a bha ann aig an àm sin, ’s Cape Canaveral – gu robh e ag obair an lùib rudan co-cheangailte ri fànas, agus bha beagan de dh’ùidh agam an uair sin ann an rudan dhen t-seòrs’ - agus bha sin uabhasach math, gu robh cuideigin ann a b’urrainn beagan innse dhomh mu dheidhinn dè bha co-cheangailte ri sin. Agus bha e dìreach inntinneach a bhith ’g èisteachd ris.