Tar-sgrìobhadh: Ceum a-mach
Dòmhnall Camshron agus Ceitidh Mhoireach
Ceitidh Mhoireach: Thig thu a-nuas an seo is tha thu a’ coimhead timcheall, is tha thu ag ràdh riut fhèin, “Dè tha ri fhaicinn an seo?”
Tha feur caran fada curs ann 's tha preasan ann 's tha craobhan ann, ’s chì thu beagan sealladh ach tha thu ag ràdh riut fhèin, “Chan eil càil ann a tha cho uabhasach tarraingeach.”
Ach fuirich thusa a Dhòmhnaill gus an lean sinn oirnn gu mullach a’ chnuic ann a sheo, Cnoc Srath Gaoithe, tha e coltach.
Dòmhnall: Cnoc Srath Gaoithe, sa Bheurla, Blackford, agus mach leinn – tha mi air bhioran a-nist’, tha thu air mo chur a dhol...
Ceitidh: (glè mhath, tha mi ‘n dòchas nach bi thu...)
Dòmhnall: Thig an taobh seo...
Ceitidh: (... a’ faireachdainn caran diombach às, ach chan eil mi an dùil gum bi!)
Dòmhnall: O cha bhi, cha bhi, cha bhi! O tha a h-uile creideas agam unnad!
Ceitidh: O uill!
Dòmhnall: ...agus gum faic sinn na seallaidhean a tha thu a’ gealltainn, gun teagamh. Deagh latha ann, tha i...
Ceitidh: Chan eil an droch latha ann idir ...
Dòmhnall: Chan eil...
Ceitidh: Tha i caran ùr, agus tha i dìreach ... tha togail innte.
Dòmhnall: Tha, suarach cho blàth ’s a tha i, feumaidh mi ràdh, suarach cho blàth ’s a tha i ach ’s dòcha gun tog i fhathast, ach tha i tioram. Tha seo air fhàgail gu nàdarrach, cha bhi gearradh sam bith air. Tha e fàs mar a tha e fàs...
Ceitidh: Tha, sin agad an seòrsa feallsanachd a th’ ann, tha mi ’n dùil. Ach chì thu mar as fhaide air adhart a thèid sinn gu bheil leasachaidhean a’ dol cuideachd. Tha iad a’ cumail sùil air a’ cheum son nach tèid a chosg cus. Bidh iad a’ cur lìon air uachdar, ’s a’ cur sìol ann, feuch an gabh e ùrachadh. Agus tha iad a’ dèanamh leasachaidhean eile a tha a’ tighinn a-rèir an àrainneachd.
Dòmhnall: Uill gasta, leanaidh sinn oirnn, agus tha mise a’ dèanamh fiughair ri tuilleadh fhaicinn ...
Ceitidh: Tha, chì thu sin...
Dòmhnall: Chì an ceartuair, tha, tha dìreach...
Ceitidh: Tha, chì thu sin. Tha ceum beag cumhang, rud beag cas a-bhos an seo, ’s cha chreid mi nach ... dòcha gun lean sinn suas an siud.
Dòmhnall: Leanaidh sinn suas, bidh sinn faiceallach.