Tar-sgrìobhadh: Coinneach MacÌomhair
Tha mi smaoineachadh gur e an rud a bha inntinneach mu dheidhinn an rud a thuirt thu anns an toiseach ann a shiud a Choinnich gun do dh’ainmich thu na tha de bhoireannaich ann an suidheachadh far a bheil iad os cionn bhuidheannan, os cionn partaidhean poilitigeach agus a’ riaghladh ann an diofar seòrsan ach nuair a sheallas tu an uairsin dè an ìre aig a bheil riochdachadh ann do bhoireannaich mar eisimpleir ann am partaidhean ann an comhairlean ionadail... anns an Riaghaltas, ‘s e glè bheag a th’ ann.
Gu nàir, anns a’ chomhairle seo fhèin, cha robh cho beag ann bho chionn iomadach bliadhna agus tha mi smaoineachadh gu bheil ceist mhòr ann fhathast air dìreach dè ghabhas a bhith air a dhèanamh airson gun urrainn dha, gu h-àraid boireannaich a tha nas òige, boireannaich aig a bheil teaghlaichean òg, boireannaich a tha dìreach ann an suidheachaidhean teaghlaich far a bheil teachd-a-steach àbhaisteach – ciamar man as urrainn dha cothrom a bhith aig an fheadhainn sin faighinn a-steach, faighinn air adhart. Tha àit’ aig foghlam, tha àit’ aig a h-uile càil tha sin ach tha cuideachd feum againn air 'role models' ‘s chan eil teagamh nach eil na 'role models' ann.