Main content

Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil – Gillebrìde MacIlleMhaoil

Iain: Tha thu air a bhith a' gabhail nan òrain sin fad bhliadhnaichean - nuair a thòisich thu, bha thu còig bliadhna a dh’aois, nach robh?

Gillebrìde: Bha mi còig bliadhna a dh’aois nuair a sheinn mi aig Mòd Uibhist an toiseach agus tha mi air a bhith seinn òrain dhaoin’ eile on uair sin, òrain a tha ceudan de bhliadhnachan a dh’aois, feadhainn a tha can mar “A’ Pheigi a Ghràidh” a tha bho leth-cheud bliadhna no mar sin. Agus - ach an triop seo, tha mi air na h-òrain agam fhìn a dhèanamh agus air a’ bhàrdachd agus na fuinn a dhèanamh mi-fhìn agus....

Iain: Dè feallsanachd a bh' air cùl sin a-nist – an tuirt thu riut fhein “tha thìd agam rudeigin a chur ris an dualachas seo?”

Gillebrìde: Uill bha mi smaointinn mu dheidhinn sin ach cuideachd tha mi smaointinn gu bheil e uabhasach cudromach gum bi sinn a’ dèanamh òrain ùra agus, bha... tha mi measail air na h-òrain Ghàidhlig aig Runrig agus tha Runrig ann an iomadach dòigh air òrain Ghàidhlig a chumail a’ dol anns an dà fhichead bliadhna mu dheireadh a thaobh a bhith dèanamh òrain ùra. Agus bha mi dìreach bho chionn ... rinn mi òran bho chionn seachd no ochd a bhliadhnachan agus chuir mi a-staigh gu farpais e agus rinn e glè mhath aig an fharpais, agus an uair sin dìreach, bha mi smaoineachadh – dìreach, bha miann agam ‘s bha beachdan agam ‘s bhiodh daonnan... bhithinn a’ sgrìobhadh beagan ‘s a’ dèanamh fonn – a’ cur fonn air - ‘s an uair sin bha mi ga fhàgail; cha robh mi a’ dèanamh sian leis. Ach chaidh mi a Chanaigh – dìreach a dh’aona-ghnothaich airson a bhith dìreach... a’ smaoineachadh agus a’ dèanamh òrain, agus rinn mi seachd no ochd a dh’òrain ann an seachdain!