Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
John Neil Dòmhnallach
Ris a’ cheist “Cò an ceannard as fheàrr a bha riamh aig na Staitean Aonaichte,” chanadh cha mhòr eòlaiche sam bith “Abraham Lincoln”.
Ris a’ cheist “cò am prìomhaire as fheàrr a bha riamh againn ann am Breatainn?” chan eil e buileach cho furasta a’ cheist a fhreagairt – ach chanadh cuid de eòlaichean gum b’ e Clement Attlee an duine as fheàrr – fear air nach bi sinn a’ cluinntinn mòran san latha an-diugh.
Chuir Lincoln crìoch air tràillealachd sna Stàitean Aonaichte agus stiùir e an dùthaich tro chogadh sìobhalta. A thaobh Attlee, chan eil prìomhaire eile air dìleab fhàgail a tha air maireadh cho fada air beathannan chun an latha an-diugh. ‘S ann fo stiùir Attlee a chaidh an t-seirbhis slàinte a th’ againn an-diugh, agus an siostam a th’ againn airson sochairean sòisealta a chruthachadh.
Ach an rud a tha inntinneach mu dheidhinn an dithis seo, ‘s e cho iriseal ‘s a bha iad. Nam biodh iad ann an rùm le daoin’ eile, cha sheasadh iad a-mach. Agus gu dearbh, le gu h-àraid Attlee, cha toireadh tu for gu robh e san aon rùm. Bha an dithis aca caran diùid, agus mì-chofhurtail am measg dhaoin’ eile – agus bha iad toilichte gu leòr gum faigheadh daoin’ eile moladh airson cùisean a bha iad an sàs ann ‘s a bha soirbheachail. Chuir an dithis aca suas ri magadh agus càineadh bho dhaoine a bha mun cuairt orra a bha smaointinn gu robh iad nas fheàrr na iad. Ach tro ùine, dh’aithnich na daoine a bhiodh a’ cur sìos orra cho comasach ‘s a bha iad.
Chan eil mòran luach air a chur air irioslachd san latha an-diugh, ach nuair a thig e gu sàr dhaoine a tha airidh air cliù tro na lìnntean, ‘s e irisealachd a tha na bhun-stèidh sa charactar aca.