Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Le Dòmhnall Màrtainn
Dòmhnall: Bha agam fhèin is mo nàbaidhean a dhol a thoirt clann-sgoile timcheall a’ ghàrradh coimhearsnachd againn bho chionn seachdain no dhà air ais. Bha a’ chlann a’ dèanamh pròiseact air biadh fallain, agus bha aca ri eisimpleirean a thoirt dhan sgoil de ghlasraich agus lusan a chaidh an cur agus a’ fàs aig na dachannan. Chual’ an tidsear gun robh sinne air a bhith a’ cur glasraich air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus ’s e feadhainn de na glasraich sin a chaidh dhan sgoil airson eisimpleirean a shealltainn dhan a’ chlann.
Bha an uair sin aca ri faicinn càit’ an do dh’fhàs iad, agus ciamar a bha iad a’ fàs. ’S ann againne, ’s e sin na bodaich agus na cailleachan, neo na seanairean is na seanmhairean, a bha ri innse dhaibh mar a thòisich sinn ag ullachadh an lios, a’ cur an t-sìl, a’ coimhead gu cùramach as a dhèidh fad an t-samhraidh le bhith a’ cur uisge orra nuair a bha an t-sìde tioram, a’ glanadh eadar na sreathan neo a’ todhaigeadh a’ bhùntata, agus a’ dèanamh cinnteach nach robh biastan sam bith gan ithe, agus mu dheireadh thall, a’ togail toradh a’ ghlasraich aig an àm cheart dhen a’ bhliadhna ro dheireadh an t-samhraidh agus aig àm an fhoghair.
’S e a’ chlann a bha air an dòigh, a’ dol timcheall agus a’ lorg currain, càl, tuineapan agus bùntata a chaidh a chur an-uiridh, agus ’s ann againne a bha na ceistean annasach ri freagairt dhaibh.
Nuair a bha sinn fhèin òg aig an aon aois, bha sinn gu math fiosrachail mu dhòighean anns an robh glasraich agus lusan a’ fàs, agus ’s ann dhuinn bu chòir. Nach robh sinn gu math cleachdte ri bhith ag obair air a’ chroit còmhla ri ar pàrantan agus ar sinn-seanairean air sgàth ’s nach robh roghainn eile againn. Bha an obair ri dhèanamh is cha robh na bùithtean mòra an latha an-diugh le biadh de gach seòrsa ann.
Saoil dè seòrsa àrainneachd anns am bi a’ chlann a thàinig thugainne a’ fuireach ann an trì fichead bliadhna eile? Tha sinn an dòchas gum bi buaidh a’ choireigin aig an turas còmhla rinn air a’ chlann bheaga. Feadhainn aca nach robh air gàrradh le glasraich fhaicinn riamh. Nach iomadh turas a chuala sinn an seanfhacal, 'An t-Ionnsachadh Òg, An t-Ionnsachadh Bòidheach'.
Tha e cho cudromach an-diugh ’s a bha e nar àm fhèin.