Tar-sgrìobhadh: Mac'illeMhìcheil
Ailean Dòmhnallach
Iain: Tha an triùir agaibh nar pìobairean...
Ailean: Mh-hmh.
Iain: ...agus robh ceòl sna daoine ma-tà?
Ailean: O bha, bha, bha, bha. Bha, bha e air gach taobh, taobh mo mhàthar – bha bràthair mo mhàthar, ’s e pìobaire a bh’ ann.
Iain: Uh huh, an e sin an taobh Uibhisteach?
Ailean: Aye, clann ’ic Aoidh agus chaidh esan a mharbhadh ann an Dunkirk. Agus, och uill, bha a h-uile duine an Uibhist cho faisg air pìobaireachd co-dhiù agus ann am Mùideart, ann an Ghleann Ùige fhèin, bha pìobairean gu leòr ann. Bha iad a’ dol, mar as trice bha iad a’ falbh a Ghlaschu, 's bha iad a’ dol dhan phoileas no dhan pholice, aye.
Iain: Mar sin, bha thu fhèin air do chuairteachadh le ceòl na pìoba ’s tu a’ fàs suas?
Ailean: Uill, cha robh, cha robh, cha robh, o chionn cha robh rathad a-staigh dhan àite. Corra uair bhiodh dannsaichean ann 's bhiodh iad a’ coiseachd bho cheann Loch Mùideart, ’s e sin còig mile, tarsainn a’ mhonaidh ’s bhiodh iad a’ tighinn à Àth Tharracail, ’s bhiodh iad a...
Iain: Gu dannsa?!
Ailean: Aye, aye, aye, uh-huh. Bhiodh iad a’ coiseachd thar a’ mhonaidh agus bhiodh iad a’ dannsa fad na h-oidhche.
Iain: Agus a’ coiseachd air ais sa mhadainn?
Ailean: Uh-huh, uh-huh. Agus an fheadhainn a bha a’ tighinn an rathad eile o Loch Ailleart.
Iain: Uh-huh.
Ailean: Bhiodh m’ athair s' gan toirt air ais sa bhàta, fhios agad?