Sùil air a' Mhapa 63
Knock. K-N-O-C-K. Tha mòran àiteachan ann an Alba air a bheil Knock. Tha e a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig cnoc ‘a hill’. Gu tric, air a’ Ghalltachd, tha ‘hill’ air a chur ris oir cha robh daoine a’ tuigsinn ciall an fhacail knock. Mar sin, tha sinn a’ faighinn Knock Hill a tha a’ ciallachadh Cnoc Cnoc – agus chan eil mi ri fealla-dhà! Tha eisimpleirean de Knockhill ann am Fìobha, Lodainn an Ear, Siorrachd Obar Dheathainn, Lannraig a Deas agus anns na Crìochan.
Tha Knockan a’ tighinn bho Chnocan ‘small hill’ agus tha grunn eisimpleirean ann. Tha Knockanbeg ann am Moireibh – an Cnocan Beag. Tha Knockanbuie - an Cnocan Buidhe faisg air Inbhir Narann agus anns an aon sgìre tha Knockaneorn, ʼs e sin Cnoc an Eòrna ‘the hill of the barley’.
Ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh, tha Knockbrex. Tha sin a’ tighinn bho Cnoc Breac ‘speckled hill’. Ann an Siorrachd Àir tha Knockentiber, ‘the hill of the well’ agus ann an Dail Thuaidh no Tweeddale anns na Crìochan, tha Big Knock agus Little Knock faisg air a chèile. Tha mi an dùil uaireigin gur e Cnoc Mòr agus Cnoc Beag a bh’ aig muinntir an àite orra, ach ʼs fhada bhon a bha Gàidhlig aca mar chainnt.