Main content

Sùil air a' Mhapa 74

Cia mheud srath a th’ againn ann an Alba? Tha an t-uabhas ann, nach eil? Chaidh a’ Ghàidhlig srath – gleann leathann, còmhnard, gu math tric le abhainn ann – air iasad mar strath ann am Beurla. Bidh ainm na h-aibhne a’ nochdadh gu tric ann an ainm an t-sratha. Mar eisimpleir, tha Strathconon – Srath Chonainn – ‘the strath of the River Conon’ ann, agus Strathbrora – Srath Bhrùra – ‘the strath of the River Brora’, agus Strathearn – Srath Èireann – ‘the strath of the Earn’.

Ann an Eilean Arainn, tha Strathwhillan – Srath Chuilinn ‘holly strath’. Agus ann am Fìobh, faisg air Cathair Chaladain no Kirkcaldy ann am Beurla, tha Strathore – the strath of the River Ore. Beagan tuath air sin, tha Strathmiglo – Srath Mioglach ‘boggy strath’.

Tro thìde, sguir na Gàidheil a bhith a’ fuaimneachadh an ‘th’ aig deireadh an fhacail. Agus tha sin a’ fàgail gur e Stra – S-T-R-A a th’ air an eileamaid ann am Beurla uaireannan. Mar eisimpleir Stracathro ann am Machair Aonghais. ʼS e sin Srath Cathrach ‘fort-strath’. Bha seann dùn Ròmanach ann. Agus Strabane ann an Arainn – no Strabane mar a chanas muinntir an àite ris an-diugh, 's e sin ‘the fair strath’, an Srath Bàn.