Sùil air a' Mhapa 67
Ged a tha am facal fraoch gu math cumanta ann an ainmean-àite Gàidhlig, cha mhòr gum faic sibh an dreach Beurla ‘heather’ air mapa na Gàidhealtachd. Far a bheil ‘heather’ ann an ainm-àite, mar as trice ʼs ann air a’ Ghalltachd no ann an Sasainn a tha e. Ach, ann an Inbhir Nis, prìomh bhaile na Gàidhealtachd, tha sgìre ann air a bheil Castle Heather. Saoil an e eadar-theangachadh a th’ ann de Chaisteal an Fhraoich?
Uill, chan e! ʼS e Castle Leathers no Castle Leather an dreach Beurla a bh’ air an ainm fad ùine mhòr. Gu dearbh, air na ciad mhapaichean aig an t-Suirbhidh Òrdanais, ʼs e Castleleathers a bh’ air. Tha e a’ tighinn bhon Ghàidhlig Caisteal na Lethoir ‘the castle of the slope or border’, an t-ainm a bh’ air fìor sheann dùn anns an sgìre sin. Air taobh thall Abhainn Nis, ge-tà, tha sgìre ann an Inbhir Nis air a bheil Baile an Fhraoich. Ach, ann am Beurla, chan e Heathertown a th’ air, ach Muirtown.