Main content

Sùil air a' Mhapa 80

Seileach. The willow tree. S-E-I-L-E-A-C-H. Bidh sibh eòlach air, tha mi an dùil. Tha iomadh àite ann an Alba a tha ainmichte airson an t-seilich. Mar eisimpleir, Allt nan Seileach ‘the burn of the willows’ faisg air Tom an t-Sabhail. Tha allt eile dhen aon ainm faisg air Loch Omhaich. Tha Càrn nan Seileach ‘the hill of the willows’ ann an sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh agus tha Loch nan Seileach faisg air Loch Obha ann an Earra-Ghàidheal.

Ach anns an t-seann Ghàidhlig, chan e seileach a bh’ air willow, ach salach. Anns an leabhar mu dheidhinn beatha Chaluim Chille tha Naomh Eònan a’ sgrìobhadh gun robh Calum Cille turas ann an Coire Salchain ann an Morbhairne. The Corrie of the willow. Anns an Apainn, tha àiteachan ann air a bheil Salachan Burn agus Salachan Glen. Bha an salach no seileach a’ fàs an sin uaireigin, ged a tha e fo choille choimeirsealta an-diugh.

Faisg air Loch Nibheis, tha àite air a bheil Salach Àirigh. Tuigidh sibh a-nise nach e ‘dirty sheiling’ a th’ ann idir, ach ‘willow shieling’. Salach Àirigh. Agus, air a’ Chomraich, tha baile beag fearainn air a bheil Salachar. Gu sìmplidh, Willow Place. Salachar. Beannachd leibh.