Sùil air a' Mhapa 39
Tha mi cinnteach gu bheil sibh eòlach air an fhacal inbhir – a river mouth. ʼS iomadh àite ann an Alba air a bheil inver rudeigin. Inverurie, Invermoriston is mar sin air adhart. Uaireannan, cha bhi daoine a’ fuaimneachadh a ‘bh’ ann an meadhan an fhacail. Canaidh gu leòr Inbhir Nis, seach Invir Nis, mar eisimpleir.
Chì sinn sin uaireannan ann an dreach na Beurla air an ainm. Inner seach inver. Tha eisimpleirean nas cumanta ann an ceann a deas agus meadhan na h-Alba na tha iad anns a’ cheann a tuath. Seo agaibh eisimpleirean ann am Fìobh: Innerleven ‘the mouth of the Leven’ agus Innergellie, tuath air Ainster no Anstruther. Tha sin air allt air a bheil Kilrenny Burn an-diugh. Ach faodaidh sinn a ràdh gur e gellie no ʼs dòcha geallaidh a bh’ air an allt anns an t-seann aimsir. Inbhir Gheallaidh – the mouth of the white burn.
Tha Innerleithen ‘the mouth of the Leithen’ anns na Crìochan agus tha grunn eisimpleirean ann an Siorrachd Pheairt, leithid Innerhadden, Innerdunning agus Innerpeffray. Tha Innermessan faisg air an t-Sròin Reamhair anns an iar-dheas; tha cuid dhen bheachd gur e sin ‘the mouth of the fruit river’ – Inbhir Mheasain. Ainm snog, nach e?!