Sùil air a' Mhapa 65
Halò, a-rithist, a chàirdean. Tha am facal druim a’ seasamh airson diofar rudan – a back, a keel of a boat... agus ...a ridge of a hill or mountain. Agus tha e cianail fhèin cumanta air aghaidh na tìre. Seo beagan eisimpleirean – Druim na Seilge ‘the hunting ridge’ ann an Siorrachd Pheairt, Druim na Crìche ‘the boundary ridge’ anns an Eilean Sgitheanach agus Druim na Cille ‘the ridge of the cell or church’ ann am Muile.
Tha druim cumanta air ar mapaichean, deas agus tuath. Gu tric, bidh e a’ nochdadh ann an dreach Beurla – drum. Tha Drumskeoch ann an Siorrachd Àir. Saoilidh mi gur e sin Druim Sgithich ‘hawthorn ridge’. Deas air an Eaglais Bhric tha Drum Farm, South Drum, Drum Wood agus Lochdrum. Tha Drumore, an Druim Mòr, ann an Siorrachd Obar Dheathain. Tha Tyndrum, Taigh an Droma ‘the house of the ridge’ ann an Siorrachd Shruighlea, agus tha Belladrum, Baile an Droma, ‘the farm of the ridge’ – far am bi fèill-chiùil a h-uile bliadhna – faisg air a’ Mhanachainn.